Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 174

Blàr Cambrai a' tòiseachadh air an 20mh den t-Samhain 1917. The Battle of Cambrai begins on November 20, 1917.

Thòisich Blàr Cambrai, an ceann-a-tuath na Frainge, air an 20mh den t-Samhain 1917. Bha am baile cudromach air sgàth na bha de loidhnichean-rèile mun cuairt air is mar sin rinn Breatainn oidhirp mhòr air a ghabhail thairis. Chuir Comanndair an Treas Arm, an Seanalair Julian Byng, dòigh-sabaid ùr an gnìomh an seo a bha gabhail a-steach ionnsaigh obann le tancaichean, le coisridh agus eachraidh a' tighinn dlùth às an dèidh. Cha do chleachd e na gunnachan-mòra aig toiseach a' bhlàir mar a b' àbhaist gus nach toireadh iad rabhadh seachad gu robh ionnsaigh a' tighinn. An àite sin, chleachd e na tancaichean airson uèir-bhiorach nan Gearmailteach a leagail.
Thàinig an ionnsaigh air na Gearmailtich gun fhiosta agus chaidh aig feachdan Bhreatainn air bristeadh tron loidhne-dìon aca is gluasad còig mìle air adhart ann am beagan uairean a thìde. Cluinnidh sinn bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill mar a chaidh ciad làithean a' bhlàir.

10 minutes

Last on

Fri 24 Nov 2017 11:50

Clip

Broadcasts

  • Thu 23 Nov 2017 21:00
  • Fri 24 Nov 2017 11:50