Main content
Sorry, this episode is not currently available

Màrie C NicAmhlaigh - Liosta cheistean an-àbhaisteach do Ghàidheil a tha aithnichte

Episode 5 of 6

Iain MacIlleMhìcheil le liosta cheistean an-àbhaisteach do Ghàidheil a tha aithnichte. John Carmichael asks well known Gaels some very quirky questions.

Rugadh agus thogadh Màrie C NicAmhlaigh ann an Siabost air taobh siar Eilean Leòdhais. Bhos cuimhne leatha bha ùidh aice ann an seanchas agus sgeulachdan agus chan iongnadh mar sin gun robh i fad iomadh bliadhna ag obair aig Comhairle nan Leabhraichean. Tha Màrie air sgriobtaichean a dhèanamh dhan BhBC airson prògraman leithid Dotaman agus Bailemhuilinn ach bha i seachad air leth-cheud bliadhna a dh' aois mas do thòisich i air leabhraichean chloinne a sgrìobhadh agus fhoillseachadh. Chaidh an stèidheachadh air na cleasan a bh' aig an triùir nighean aice fhèin 's iad a' fàs suas.

Tha i tric ri cluinntinn a' cur a beachdan air iomadh cuspair an cèill air Â鶹Éç Radio nan Gàidheal ach 's i fhèin cuspair a' chòmhraidh an t-seachdain sa agus liosta cheistean an-àbhaisteach aig Iain MacIlleMhìcheil dhi.

30 minutes

Broadcasts

  • Thu 23 Nov 2017 12:00
  • Thu 23 Nov 2017 22:10
  • Sun 26 Nov 2017 09:30
  • Mon 18 Nov 2019 12:00
  • Mon 18 Nov 2019 22:00
  • Sun 24 Nov 2019 13:00