An t-Urr MÃ iri Byers bho Eaglais na h-Alba 2004
Seirbheis à tasglann a' BhBC còmhla ris an Urr Mà iri Byers (nach maireann) Eaglais na h-Alba 2004.
Archive service with the late Rev Mairi Byers, Church of Scotland, from 2004.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean is na leughaidhean a leanas:
'O Thugaibh Moladh Mòr do Dhia' le Cliar.
Còisir Eaglais Naomh Barr a' seinn 'Seo an Gaol mar Meud na Mara'.
Donaidh M MacLeòid a' seinn 'Ceud Domhainn Grà dh an Athar Dhomh'.
Leughaidhean: Salm 103 : 1-13 & Lùc 15: 1-3 & 11-24
Ceann-teagaisg: Lùc 15:20
"Thà inig i dhan t-saoghal seo na nighean ministeir,
Thuit i ann an gaol 'sbha i nise na bean ministeir,
'S cha do stad i gun robh i fhèin na ministear"
Chuala sinn an naidheachd dhuilich gun do chaochail an t-Urramach Mà iri Byers air an treas la den mhìos seo aig aois ceithir fichead sa còig.
Rugadh Mà iri Byers neo Mà iri Laing ann an 1932. B' i an treas neach ann an teaghlach de sheachdnar aig an Urr Calum Laing 's a bhean Mà iri, neo Calum Raghnaill à Cnòc an Torrain agus Mà iri NicRuairidh à Staidhligearraidh.
Bha athair Mà iri, an t-Urr Calum Laing, na mhinistear air coitheanal Eaglais na h-Alba ann a Hobha Mòr an Uibhist a Deas agus 's e tidsear a bh' ann a Mà iri.
Chuir Mà iri òg seachad bliadhnaichean a h-òige ann an Uibhist a Deas, a' frithealadh Sgoil Hobha Mòr agus Àrd-sgoil Cheann a' Bhà igh. Bha i toilichte agus riaraichte le beatha mar eileanach, a' fàs suas ann an Uibhist a Deas .
Bha i ceithir bliadhna deug mus do chuir i cas air tìr-mòr na dùthcha. Chaidh i a dh'Àrd-sgoil Phort Rìgh airson bliadhna agus an dèidh sin ghluais an teaghlach a dh' Alanais. Bha Mà iri a-nis a' frithealadh Àrd-sgoil Inbhir Pheofharain agus, ged a bha i ag ionndrainn Uibhist, bha beatha air tìr-mòr a' còrdadh rithe cuideachd.
Bha Mà iri riamh ag iarraidh a bhith na banaltram agus airson a dhol a-null thairis na miseanaraidh. Nuair a dh'fhà g i an sgoil 's e sin am beachd a bh'aice ach dh'atharraich gnothaichean rud beag, oir choinnich i ris an duine aice agus, gu h-annasach, bha e fhèin cuideachd airson a bhith na mhiseanaraidh.
Chaidh MÃ iri san duine aice Ailean (an t-Urr ) a-null a Ghana far an robh iad airson iomadach bliadhna a' cuideachadh choimhearsnachdan an sin. Thill iad air ais a dh'Alba anns na seachdadan agus thill MÃ iri air ais gu foghlam agus i a-nis ag ionnsachadh a bhith na neach-teagaisg. Ach cha do stad i aig a sin - cha robh obair teagasg ag obrachadh a-mach dhi, agus mu dheireadh chaidh i a-staigh airson na ministrealachd .
B' e Diùra a' chiad choitheanal a bh' aice agus chan e a-mhà in gu robh e annasach a bhith faicinn boireannach a' searmonachadh, bha boireannach a' searmonachadh sa Ghà idhlig na annas buileach.
Last on
An t-Urr MÃ iri Byers
Broadcasts
- Sun 19 Nov 2017 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 18 Nov 2018 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 24 Nov 2024 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal