09/11/2017
A' cuimhneachadh na thachair ann an Inis Ceithleann o chionn 30 bliadhna. Remembering 30 years since the Enniskillen bomb attack.
O chionn 30 bliadhna, thug an IRA ionnsaigh-boma air baile Inis Cheithlinn ann an Èirinn a' Tuath. Bhà saich dà dhuine deug san ionnsaigh air seirbhis cuimhneachaidh aig cenotaph a' bhaile. Cluinnidh sinne bho dhithis Èireannaich - fear air gach taobh dhen chrìoch - dè na cuimhneachain a th'aca.
Cuideachd air Prògram Choinnich an-diugh, tha Ken Roddy MacAoidh ag innse dha Coinneach mu na tha'n dà n dha Comann Eachdraidh Cheann a' Loch ann an Leòdhas. Sna bliadhnaichean a tha romhainn, tha iad a' dèanamh rannsachadh farsaing air eachdraidh agus arc-eòlas na sgìre, gu h-à raid co-cheangailte ri Clann 'IcCoinnich agus na Sìophortaich.
Bidh Ruairidh MacIlleathain air a' phrògram ag innse dhuinn mu dhèidhinn cuideigin eile a bha gu math cudromach ann an Sgaradh nan Innseachan. O chionn 70 bliadhna, chaidh na h-Innseachan agus Pakistan an sgaradh bho chèile - ag adhbhrachadh troimh-chèile dha na milleanan. An-diugh, Jawaharlal Nehru - a' chiad prìomhaire a bh'aig na h-Innseachan às deidh neo-eisimileachd.
Agus bidh an t-Urramach Aonghas Mac a' Ghobhainn a' mìneachadh eachdraidh a' "Last Post" - a' fonn a chluinneas sinn air Latha na Sà baid a' Chuimhneachaidh. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 9 Nov 2017 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 9 Nov 2017 21:13Â鶹Éç Radio nan Gà idheal