Main content
Sorry, this episode is not currently available

Teaghlach Mhic a' Ghobhainn

Mar a tha ciorram air buntainn ri teaghlach Mina agus Donnie Mhic a' Ghobhainn. How disability has affected the Smith family.

Tha Mina agus Donnie Mac a' Ghobhainn ann an suidheachadh air am bi iomadach pàrant eòlach gu leòr. An dèidh bliadhnachan a' togail an teaghlaich tha an duine as òige, Iain, air gluasad a-mach às an dachaigh a' fàgail am pàrantan le measgachadh de thoileachas agus ionndrainn. Tha cerebral palsy air Iain agus aig aois còig bliadhna deug thar fhichead tha e a-nis air gluasad gu taigh a tha mu mhìle air falbh o dhachaigh a phàrantan ann am Bearsden air taobh a-muigh Ghlaschu. Tha Iain is an dithis fhireannach eile a tha a' fuireach còmhla ris san taigh a' faighinn taic bho sheirbheisean sòisealta. Tha Mina is Donnie a' bruidhinn ri Catriona Mhoireach mun cheum ùr seo dhan teaghlach. Tha iad cuideachd a' bruidhinn gu fosgailte air mar a dh'atharraich beatha an teaghlaich gu lèir an dèidh do Mhina a bhith ann an droch thubaist-rathaid san Dùbhlachd 2005.

30 minutes

Last on

Sun 19 Aug 2018 13:00

Mina, Iain agus Donnie Mac a’ Ghobhainn ann an dachaigh ùr Iain

Mina, Iain agus Donnie Mac a’ Ghobhainn ann an dachaigh ùr Iain

Iain a' marcachd

Iain a' marcachd

Broadcasts

  • Tue 7 Nov 2017 12:00
  • Tue 7 Nov 2017 22:00
  • Sun 12 Nov 2017 10:00
  • Mon 13 Aug 2018 12:00
  • Mon 13 Aug 2018 22:00
  • Sun 19 Aug 2018 13:00