Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Raghnall Moireasdan

Seirbheis à tasglann a' BhBC bho 2006 còmhla ris an Urr Raghnall Moireasdan. Gaelic archive service from 2006 with Rev Ronnie Morrison, Tain Free Church.

Ann an Dèanamaid Adhradh à tasglann a' BhBC air an t-seachdain seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 102: 25-27 air fonn New London agus 's e Alasdair Greumach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh.

Salm 24: 9-10 air fonn Montrose agus 's e an t-Urr Coinneach Fearghasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an Dùn Èideann.

Salm 122: 7-9 air fonn New Cambridge agus 's e an t-Urr Calum Iain MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanalan Eaglaisean Leòdhais agus na Hearadh

Leughadh: 1 Corintianaich 1:10-24
Ceann-teagaisg: 1 Corintianaich 18

Bha Mgr Moireasdan na mhinistear air coitheanal Eaglais Shaor Bhaile Dhubhthaich agus Manachainn Rois bho 1999 gu 2010.

Rugadh Mgr Moireasdan ann an Ceann Loch Iù ann an 1945. Na òige ghluais an teaghlach gu Ach Ille Bhuidhe far an deach e dhan sgoil an sin airson ùine ghoirid mus do ghluais iad an uairsin a Sgalpaigh ann an 1954. Bha ùidh mhòr aig Mgr Moireasdan ann am bàtaichean agus ann an iasgach agus bha e san àite cheart airson sin, ach bha aige cuideachd ri oidhirp mhòr a dhèanamh a' Ghàidhlig ionnsachadh agus thairis air na ceithir bliadhna a bha e ann an sin rinn e an gnothach air sin a dhèanamh.

À Sgalpaigh chaidh iad a bhaile mhòr Ghlaschu - àite ris a bheil ceangal dlùth aige fhathast agus bha e an sin gus an do dh'fhàg e an sgoil aig còig bliadhna deug.

Às dèidh an sgoil fhàgail bha e ag obair ann an roinn chlò-bhualaidh son ochd bliadhna deug gus an do ghabh teicneòlas thairis cùisean. Nochd diofar obraichean as dèidh sin ach cha do stad e gus an deach e air ais dhan cholaiste agus dhan oilthigh agus cheumnaich e. Às dèidh ceumnachadh aig oilthigh Ghlaschu chaidh Mgr Moireasdan gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann son trèanadh a bhith na mhinistear. Fhuair e gairm gu coitheanal Ghriomasaigh agus Uibhist a Tuath - a' chiad choitheanal aige agus tha ceanglaichean làidir aige ris an sgìre fhathast.

Dh'fhàg e Uibhist às a dhèidh agus shiubhail e na mìltean a-null gu ruige Sydney, Astràilia ann an 1997. Cho fad 's a bha e ann an sin chuir e fhèin agus an t-Urramach Coinneach MacLeòid (à Barabhas ach a tha stèidhichte thall an sin ) air dòigh seirbheis Ghàidhlig agus bha iad gu math fortanach oir bha dithis de bhràithrean Mhgr Moireasdain thall air làithean-saora aig an àm agus iad le chèile air leth math ann a bhith a' cur a-mach na loidhne.

Thill Mgr Moireasdan air ais a dh'Alba ann an 1999 agus chaidh a phòsadh ri coitheanal Bhaile Dhubhthaich far an robh e gus an do leig e dheth a dhreuchd.

Tha Mgr Moireasdan pòsta aig Joan agus tha dithis chloinne aca - Joanne agus John - agus ceathrar oghaichean. Nuair a bhios ùine aige dha fhèin is toigh leis a bhith cur seachad ùine còmhla ri na h-oghaichean, a' gearradh an fheòir, a' leughadh 's a' coiseachd. Tha ùidh aige ann an càraichean 's bàtaichean agus cluichidh e Sudoku, uill, gu ìre air choireigin co-dhiù!

30 minutes

An t-Urr Raghnall Moireasdan

An t-Urr Raghnall Moireasdan

Broadcasts

  • Sun 5 Nov 2017 21:00
  • Sun 7 Apr 2019 21:00
  • Sun 15 Sep 2024 21:00