Main content
Sorry, this episode is not currently available

Joanne Mhoireach

An sgeulachd aig Joanne Katherine Mhoireach a rugadh ceithir mìosan tràth sa Mhàrt 1997. Born prematurely in March 1997, Joanne Murray's moving story is told by her mother.

Thairis air na fichead bliadhna o rugadh Joanne Katherine Mhoireach ceithir mìosan tràth, tha i air ceumanan a dhèanamh agus rudan a choileanadh na beatha nach biodh a pàrantan a' creidsinn a bhiodh comasach dhi an là a thug iad dhachaigh a Leòdhas i sia miosan an dèidh a breith ann an Ospadal Yorkhill an Glaschu. Tha Ann Joan Mhoireach, màthair Joanne, a' bruidhinn gu fosgailte ri Catrìona Mhoireach mu na dùbhlain a bha agus a tha ro Joanne.

Ri linn dortadh-fala air a h-eanchainn goirid an dèidh a breith, tha Joanne dall, bodhar, gun chomas labhairt, gun chomas coiseachd, air a biathadh tro a stamaig agus a' fulang leis an tinneas tuiteamach. A dh'aindeoin a ciorraim ge-tà, tha Joanne an-diugh a' snàmh, 's urrainn dhi a dhol air baidhsagal agus seasamh le taic. Tha an teaghlach cuideachd air a bhith a' dol air làithean-saora thall thairis bho bha Joanne na nighean bheag.

Chan ann gun strì a tha na tha seo air a bhith comasach agus tha Ann Joan a' moladh an cuideachadh a fhuair Joanne bho bhith an sàs anns an sgeama gluasaid Move fhad 's a bha i ann an Sgoil Drummond san Eilean Dubh. Tha i gu làidir den bheachd gum bu chòir barrachd cuideam a bhith air a chur air na rudan as urrainn do dhaoine ciorramach dèanamh seach na rudan nach urrainn.

30 minutes

Last on

Sun 29 Jul 2018 13:00

More episodes

Previous

You are at the first episode

See all episodes from CiorramACH

Broadcasts

  • Tue 24 Oct 2017 12:00
  • Tue 24 Oct 2017 22:00
  • Sun 29 Oct 2017 10:00
  • Mon 23 Jul 2018 12:00
  • Mon 23 Jul 2018 22:00
  • Sun 29 Jul 2018 13:00