Main content
Sorry, this episode is not currently available

Seumas Dòmhnallach le eachdraidh Tuil Mhòr an Eilein Sgitheanaich a thachair ann an 1877. James MacDonald hears about the 1877 Great Flood of Skye.

Air an 13mh là den Dàmhair 1877, bhuail tuil air ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich a rinn sgrios eagalach. Chaidh loidse an uachdarain ann an Ùige a mhilleadh
agus chaill fear de luchd-obrach na h-oighreachd a bheatha. Dh'fhalbh an tuil le drochaidean agus chaidh a mhòr chuid de seann chladh Ùige a sguabadh a-mach gu muir, a' sgaoileadh chnàmhan agus chuirp fad' is farsaing. Ann an Stafainn, b' fheudar do mhuinntir an àite am ministear a thoirt a-mach tro uinneig a' mhansa le ròpa leis cho àrd sa dh'èirigh an t-uisge.

'S ann à Stafainn a tha am fear-naidheachd Seumas Dòmhnallach agus anns an dàrna prògram den t-sreath seo, tha e airson an tuilleadh ionnsachadh mun tuil mhòr agus mu na thachair anns an sgìre aige fhèin.

30 minutes

Last on

Sun 30 Jan 2022 10:00

Broadcasts

  • Mon 23 Oct 2017 12:00
  • Mon 23 Oct 2017 22:00
  • Sun 29 Oct 2017 13:00
  • Thu 25 Oct 2018 12:00
  • Thu 25 Oct 2018 22:10
  • Sun 28 Oct 2018 13:00
  • Tue 25 Jan 2022 12:00
  • Tue 25 Jan 2022 22:00
  • Sun 30 Jan 2022 10:00