Coinneach madainn Diardaoin
Cluinnidh sinn mun a' sgrios a tha teintean mòra a' dèanamh ann an ceann a tuath Chalifornia. An update on the destruction caused by wildfires in Northern California.
Tha eòlaichean bhon Mhaoin Airgid Eadar-Nà iseanta a rabhadh gum bi staing an ionmhais a-mach à rian buileach, mar a dèan Ceannardan dhùthchannan an t-saoghail an tuilleadh atharrachadh. Tha an t-eòlaiche-ionmhais Coinneach MacMhathain a' mìneachadh.
Tha taisbeanadh air fosgladh as ùr ann an Glaschu mu obair a bhuidheann Alcoholics Anonymous. Seo a' chiad turas a-riamh a bha taisbeanadh de sheòrsa an à ite sam bith. Tha dealbhan, litrichean, aithrisean-naidheachd is eile rim faicinn bho cho fad air ais ri 1948, nuair a thòisich AA ann an Alba. Tha an taisbeanadh ri fhaicinn aig Talla Cheilbhin 'sa bhaile gu ruige meadhan an Fhaoillich. Tha an t-Urramach Dòmhnall Mhìcheal Mac Aonghais air a bhith air chuairt ann.
Tha Riaghaltas na h-Alba ag iarraidh companaidh-poblach a' chruthachadh a bhiodh a-reic gas agus dealan aig prìsean nas ìsle. Ciamar dìreach a dh' obraicheadh seo agus dè na roghainnean a bhiodh aig daoine? Gheibh sinn beachd bhon eòlaiche-cumhachd Murchadh Moireach.
Agus tha Coinneach cuideachd ann an còmhradh ri Dòmhnall Iain MacLeòid a tha a' fuireach ann an California mu na teintean sgriosail a tha a' dol ann a sin an drà sta. www.bbc.co.uk/coinneach.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 12 Oct 2017 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 12 Oct 2017 21:13Â鶹Éç Radio nan Gà idheal