Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Alasdair Dòmhnallach, Eaglais na h-Alba Crois ann a Nis 1988

1/2 Còmhla ris an Urr Alasdair Dòmhnallach (Alasdair Mhurdaig), Eaglais na h-Alba Nis. Gaelic service conducted by the late Rev Alexander MacDonald, Cross Church of Scotland.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus leughadh a leanas:

Salm98: 1-2 air fonn London New, os cionn na seinn bha Aonghas Moireach
Salm 86: 9-10 air fonn Moravia agus os cionn na seinn bha Fionnlagh Caimbeul
Salm 103:3-5 air fonn Martyrdom agus os cionn na seinn D R Moireasdan

Leughadh: Litir an abstoil Pol a-chum nan Eabhraidheach - Caibideil 10: 1-14

Ceann teagaisg: Litir an abstoil Pol a-chum nan Eabhraidheach Caibideil 10: 10 -12

Rugadh an t-Urr. Alasdair Dòmhnallach ann an Dail fo Thuath ann a Nis, Leòdhas anns an t-Samhain 1925. B' e a b' òige do theaghlach de chòignear a bh' aig Cairistìona agus Murchadh Dòmhnallach.

Bha an t-Urramach Dòmhnallach anns na ficheadan mas tàinig atharrachadh na bheatha. Bha buaidh aig àm an ath leasachaidh ann an 1949 air agus thòisich e a' leantainn beatha Chrìosdail. Grunn bhliadhnaichean às dèidh sin, dh'fhairich e gun robh aige ri ceum eile a ghabhail na bheatha agus chaidh e a-staigh son a' mhinistreachd. Chaidh e gu Oilthigh Ghlaschu agus nuair a chuir e crìoch air fhoghlam chaidh a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige ann an Cille Mhoire agus Paibeil an Uibhist a Tuath ann an 1957.

Choinnich e ri Màiri Mhoireasdan à Steòrnabhagh greiseag an dèidh sin agus phòs iad ann an 1961. Bha aon ghille agus triùir nigheanan aca.

Ghluais an t-Urramach Dòmhnallach à Uibhist a Tuath gu coitheanal ùr anns a' Chomraich agus mu dheireadh a Chros ann an sgìre Nis far an robh e na mhinistear gus an do leig e dheth a dhreuchd.

Às dèidh a dhreuchd a leigeil dheth, bha e fhathast a' searmonachadh agus a' dèanamh obair pearsa eaglais anns na h-ospadail ann an Inbhir Nis agus ann an Steòrnabhagh.

Bha meas mòr aig na daoine air an t-Urramach Dòmhnallach agus bha sin gu math follaiseach là an tìodhlacaidh aige is Eaglais Chrois làn.

Chuir an t-Urramach Dòmhnallach seachad leth cheud bliadhna de bheatha mar mhinistear agus bhathar a' comharrachadh sin dìreach cola-deug mus do bhàsaich e.

30 minutes

An t-Urr Alasdair Dòmhnallach

An t-Urr Alasdair Dòmhnallach

Broadcast

  • Sun 1 Oct 2017 21:00