Mà iri Mhoireasdan à Geocrab sna Hearadh a' fuireach am Montreal, 1970
Mà iri Mhoireasdan ann an còmhradh ri Fred MacAmhlaigh am Montreal ann an 1970. Mary Morrison, ex-Geocrab, Harris talks of emigrating to Canada on the SS Siberian in June 1887.
Còmhradh inntinneach eile aig Fred MAcamhlaigh dhuinn anns an t-sreath againn à tasglann Chanada a seo aig Radio Nan Gà idheal. Tha 130 bliadhna bho sheòl an te a chluinneas sibh sa phrògram às na Hearadh a Chanada agus tha faisg air 50 bliadhna bho bhruidhinn Fred MacAmhlaigh rithe ann a 1970 . Ann am Montreal chaidh e a cheilidh air a' bhean-phòsta Mà iri Mhoireasdan, 's i dìreach còig bliadhna gann air ceud bliadhna a dh' aois. Sheòl an teaghlach aice air an SS Siberian à Glaschu air an 16mh den Ògmhios 1887 agus rà inig iad Port Levis an Quebec 12 là às dèidh sin. Tha i ag innse cho duilich agus a bha e dha h-athair an toiseach agus gun eòlas aige air obair talmhainn 's e ri iasgach sna Hearadh, mar a bha an cianalas orra, mar a bhiodh clann eile a' fanaid air a' chainnt aca ach mar a fhuair iad air adhart a dh'aindeoin cùis. A thuilleadh air a sin bha Mà iri eòlach air Dòmhnall Moireasdan à Leodhas, am Megantic Outlaw, agus tha i ag innse mar a thachair dha.
Last on
MÃ iri Mhoireasdan
Broadcasts
- Thu 28 Sep 2017 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 28 Sep 2017 22:10Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 1 Oct 2017 10:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 17 Jun 2019 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 17 Jun 2019 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 23 Jun 2019 13:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal