Prògram Choinnich Diardaoin
Dè a tha ag adhbharachadh stoirmean a' Charibbean? Cuimhneachain pearsanta air a' QhE2. Are the Caribbean hurricanes connected to the Mexican earthquakes? Memories of the QE2.
Tha taghadh nà iseanta na Gearmailt a' teannadh dlùth (Didomhnaich sa tighinn.) An-diugh, gheibh sinn beachd air dè mar a tha daoine a' faireachdainn anns a' Ghearmailt fhèin. Agus gheibh sinn beachd cuideachd air prògram telebhisean a chaidh a chraoladh an t-seachdain seo. Bha Panorama: Germany's New Nazis, a' cumail a mach gu bheil grà in-cinnidh a-nise aig à rd-ìre san dùthaich, 's nach fhacar an leithid bhon a thuit a' Third Reich.
Dè as coireach gu bheil stoirmean cho buileach garbh a' bualadh air a' Charribean an-drà sta 's iad a' tighinn dlùth ga chèile? A bheil gnothaich aig blà thachadh na cruinne ris? Agus a bheil ceangal aig na stoirmean ris an dà chrith-thalmhainn a th' air a bhith ann a Mexico? Bidh Iain MacFhionghuin, eòlaiche cruinn-eòlais, ann an còmhradh ri Coinneach mun a sin.
Tha seusan turasachd na h-Alba an ìre-mhath a' tighinn gu ceann. Tha na h-Eileanan an Iar air an cuid fhèin de luchd-turais a tharraing a-steach a-rithist am bliadhna. 'S gann gu robh à ite ri fhaighinn air na h-aiseagean fad an t-samhraidh. Bidh Coinneach a' bruidhinn ri Ailean MacCoinnich, Manaidsear Visit Scotland san sgìre, mu sheusan 2017.
Agus tha 50 bliadhna ga chomharrachadh air an t-seachdain seo bhon a chaidh an QE2 a chuir air bhog. Cluinnidh sinn pìos bho thasglann Choinnich anns an robh sianar aig an robh ceangal pearsanta ris a' QhE2 a' bruidhinn.
www.bbc.co.uk/coinneach.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 21 Sep 2017 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 21 Sep 2017 21:13Â鶹Éç Radio nan Gà idheal