Episode 164
Na bha tachairt sa Chiad Chogadh air an t-seachdain a dh'fhalbh, 100 bliadhna an ama sa. The events of the past week in World War One, 100 years ago.
Am measg naidheachdan mu chall, tha naidheachd aig Gilleasbuig MacDhòmhnaill mu na leòintich. Bho mheadhan 1916, chaidh tòiseachadh a' toirt phrìosanaich-cogaidh a bha air an droch leòn , no a bha aois à raidh, às na campaichean san robh iad agus an gluasad dhan Eilbheis far am faigheadh iad cùram dotair. Bha seo fo sgiath Crois Dhearg na dùthcha sin 's bha saighdearan ann às gach dùthaich a bha an sàs anns a' Chogadh. Air an aonamh là deug den t-Sultain 1917 chaidh a' chiad bhuidheann de na prìosanaich Breatannach a bha san Eilbheis fon a' phrògram a leigeil dhachaigh a Shasainn.
Tha litrichean aig Gilleasbuig cuideachd bho fhear à Ìle, a bha san ospadal a Sasainn, gu phiuthar agus bho fhear à Leodhas a bh' air a bhith air bòrd soitheach a chaidh air a' chladach an ceann a tuath Afraga.
Last on
More episodes
Clip
-
Seachdain sa Chogadh 140917
Duration: 10:00
Broadcasts
- Thu 14 Sep 2017 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Fri 15 Sep 2017 11:50Â鶹Éç Radio nan Gà idheal