Episode 54
Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Events of the last three weeks in World War One one hundred years ago.
Air an 16mh den Lùnastal, 1917 bha am pìobaire, Ailig MacIlleBhrà th à Ath Tharracail còmhla ris an 16mh batà ilian de na Canadian-Scottish agus tha eachdraidh a' bhatà ilian ag innse mar a thachair do dha aig Blà r Hill 70. Tha e coltach gun tug Gearmailteach ionnsaigh air Ailig agus, gus e fhèin a dhìon, leig e às a' phìob is an dèidh là imh chan fhaigheadh e lorg oirre, rud a rinn an t-uabhas dragh dha. Dhiùlt e an toiseach a dhol air ais as a h-aonais ach, nuair a gheall an Seà irdseant-Mà idsear gun coimheadadh e fhèin air a son, dh'aontaich e tilleadh. Cluinnidh sinn aig Gilleasbuig MacDhòmhnaill mar a thachair do dh' Ailig.
Thathar a' meas gu robh eadar ochd is naoi millean fireannach nam prìosanaich rè a' Chogaidh. Aig deireadh 1915 mar eisimpleir, bha mu mhillean prìosanach anns a' Ghearmailt a-mhà in. Anns a' phrògram cluinnidh sinn mu na bha a' tachairt dhaibh.
Air a' mhìos seo cuideachd bha a' dol gu math dha na Frangaich, bha na Gearmailtich a' putadh na Ruiseanaich air ais faisg air Riga agus bha na Gothas a' dèanamh call ann a Sasainn.
A thuilleadh air a sin bha dà naidheachd thiamhaidh sna pà ipearan-naidheachd a' sireadh fiosrachaidh mu dhithis a bha a dhìth.
Air an 25mh den Lùnastal 1917 chrìochnaich Blà r Hill 70. Chaill na Canèidianaich còrr air 9000 saighdear aig Hill 70 ach bhathar a' meas gun do mharbh no gun do leòn iad 25,000 saighdear Gearmailteach.
Rinn Sir Harry Lauder an t-uabhas airson airgead a thogail do charthannasan co-cheangailte ris a' Chogadh agus gu dearbha chaidh e dhan Fhraing a sheinn dha na saighdearan. Bha seo an dèidh do John, an aon leanabh a bh' aige, a bheatha a chall anns an Fhraing an latha as dèidh na Nollaig 1916. Aig deireadh an Lùnastal 1917 bha a Highland News ag innse gu robh e air ceann iomairt ùr eile.
Air a' là mu dheireadh dhen Lùnastal 1917 bha naidheachd mhath ann an Gazette Steòrnabhaigh bhon cheann 'Thà inig an Orà ma a-null'. Air a' chiad latha dhen mhìos bha bà ta air an robh an Orama air falbh à Halifax ann an Alba Nuadh. Rà inig i Liverpool mu mheadhan-oidhche air an dà rna latha deug. Bha seachdnar à sgìre Ùige Leòdhais oirre agus fhuair iad dhachaigh air fòrladh còig seachdainean, an dèidh a bhith trì bliadhna air falbh. Cluinnidh sinn mun toileacheas a rinneadh rithe.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 4 Sep 2017 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 4 Sep 2017 22:05Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 10 Sep 2017 13:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal