Episode 53
Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Events of the last three weeks in WW1, one hundred years ago.
Air an 23mh dhen Iuchar 1917 chaidh an HMS Otway a chur fodha tuath air Bubhta Leòdhais le deichnear a' call am beatha, sianar dhiubh às an eilean fhèin. B' e seo an tubaist mara a bu mhiosa a bhuail Eilean Leòdhais bho chaidh an HMS Invincible fodha aig Blà r Jutland a' bhliadhna roimhne sin an uair a chaidh aon duine deug à Leòdhas a chall. Cluinnidh sinn bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill mar a thachair agus ainmean an fheadhainn a chaidh a chall.
B' ann air an latha mu dheireadh dhen Iuchar 1917 a thòisich an treas batal da-rìribh aig Ypres, no Blà r Passchendaele mar a theirear ris cuideachd. Eu-coltach ris a' chiad dà bhà tal b' iad na Breatannaich a thòisich an ionnsaigh is Dùghlas Haig a' feuchainn ri bristeadh tro loidhne nan Gearmailteach agus putadh air adhart gu Bruges. Mus tigeadh e gu ceann bhiodh timcheall air 300,000 saighdear Co-chòmhraigeach nan sìneadh marbh sa pholl 's sa chlà bar, leis na Gearmailtich a' call 260,000 eile.
Am measg naidheachdan a' Chogaidh tha dà phìos bà rdachd air dà chuspair gu math eadar-dhealaichte ach gach cuid fo bhuaidh a' chogaidh. Clunnidh sinn an toiseach Gillebrìde MacIlleMhaoil a' seinn Cion an Tombaca aig Iain Mac an Aba, a bha na mhaighstir-sgoile ann an Sgoil Chille Mhoire san Eilean Sgitheanach, òran aotram a tha a' toirt fa near dhuinn cho gann 's a bha stuthan leithid tombaca aig à m a' Chogaidh Mhòir agus an èiginn a bha sin ag adhbhrachadh airson fir na sgìre.
Aig deireadh a' phrògraim gheibh sinn aithris air bà rdachd dhrùidhteach a nochd ann an Gaseat Steòrnabhaigh air an 10mh den Lùnastal 1917. Bha An Cogadh Mòr - An Cumha gun urra agus a' sealltainn mar a bha an cogadh a' bualadh cho goirt air teaghlaichean.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 14 Aug 2017 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 14 Aug 2017 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 20 Aug 2017 13:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal