Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 159

Na bha tachairt sa Chiad Chogadh air an t-seachdain a dh'fhalbh, 100 bliadhna an ama sa. The events of the past week in World War One, 100 years ago.

Am measg naidheachdan a' Chogaidh aig Gilleasbuig MacDhòmhnaill an t-seachdain sa, tha dà phìos bàrdachd air dà chuspair gu math eadar-dhealaichte ach gach cuid fo bhuaidh a' chogaidh. Clunnidh sinn an toiseach Gillebrìde MacIlleMhaoil a' seinn Cion an Tombaca aig Iain Mac an Aba, a bha na mhaighstir-sgoile ann an Sgoil Chille Mhoire san Eilean Sgitheanach, òran aotram a tha a' toirt fa near dhuinn cho gann 's a bha stuthan leithid tombaca aig àm a' Chogaidh Mhòir agus an èiginn a bha sin ag adhbhrachadh airson fir na sgìre.

Aig deireadh a' phrògraim gheibh sinn aithris air bàrdachd dhrùidhteach a nochd ann an Gaseat Steòrnabhaigh air an 10mh den Lùnastal 1917. Bha An Cogadh Mòr - An Cumha gun urra agus a' sealltainn mar a bha an cogadh a' bualadh cho goirt air teaghlaichean.

10 minutes

Last on

Fri 11 Aug 2017 11:50

Clip

Broadcasts

  • Thu 10 Aug 2017 21:00
  • Fri 11 Aug 2017 11:50