Taigh-Tasgaidh Beatha an Tuath, Cille Bhrìghde an Ear
Prògram sònraichte bho Thaigh-Tasgaidh Beatha an Tuath air iomall Chille Bhrìghde an Ear. Kenny and guests visit the National Museum of Rural Life, Wester Kittochside.
An-diugh tha Coinneach air chuairt aig Taigh-Tasgaidh Beatha an Tuath, faisg air Cille Brìghde an Ear. Tha 'n taigh-tasgaidh a' ruith air trì cheud bliadhna de dh'eachdraidh beatha dhaoine air an tuath agus obair an fhearainn. Tha an taigh-tasgaidh stèidhichte air tuathanas Wester Kittochside a tha fhathast ga obrachadh.
Ach tha seann taigh-tac an tuathanais an-diugh glèidhte aig Urras Nà iseanta na h-Alba. Bha am fearann seo aig an aon theaghlach, na Reids, fad ceithir cheud bliadhna gus an tug an aois air an tè mu dheireadh dhiubh, Mairead Reid, an taigh fhà gail aig an Urras Nà iseanta, dìreach bho chionn còig thar fhichead bliadhna.
Tha an taigh a-nise mar phà irt de chuairt an taigh-tasgaidh 's an cidsin, na seòmraichean, na h-innealan agus an à irneis traidiseanta, air an cumail mar a bha iad na latha.
Còmhla ri Coinneach an-diugh tha ceathrar aoighean a bha eòlach gu leòr air obair an tuath nan latha fhèin. 'S iadsan Alasdair agus Fiona NicAoidh às an Eilean Sgitheanach, Iain Thormoid Dòmhnallach às na Hearadh agus Coinneach Moireasdan à Leòdhas.
www.bbc.co.uk/coinneach.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 3 Aug 2017 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 3 Aug 2017 21:13Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 7 Aug 2019 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 7 Aug 2019 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 28 Jul 2020 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 28 Jul 2020 21:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal