Coinneach madainn Diardaoin
Tha Dòmhnall Uilleam Stiùbhart a' mìneachadh mar a bha Gà idheil eòlach air bathar bho air feadh an t-saoghail. Donald W Stewart talks about international trade in the Highlands.
Tha Dòmhnall Uilleam Stiùbhart ag innse mu artaigil a tha e a' sgrìobhadh an-drà sta mu "Imperial Trades" air a' Ghà idhealtachd, mar a bhiodh Gà idheil air feadh taobh siar na Gà idhealtachd eòlach air bathar bho air feadh an t-saoghail tòrr na bu trà ithe na shaoileadh sibh. Am measg a' bhathair bha tombaca, spìosraidhean, teatha, cofaidh agus buntà ta.
Agus ged a tha an aimsir caran blà th mun à m seo dhen bhliadhna, cha leig sibh a leas sguir a dh'ithe brot. Tha Alasdair MacLeòid air ais anns a' chidsin airson sealltainn do Choinneach mar a nì sibh brotan fuar a' cleachdadh lusan agus measan an t-samhraidh.
Agus cluinnidh sibh còmhradh a rinn Coinneach le Pòl Mac Callum nuair a bha e air chuairt ann an Uibhist a Deas. Thà inig Pòl à Glaschu a dh'fhuireach ann an Gleann Dail ann an Uibhist a Deas nuair a bha e ceithir bliadhna a dh'aois. Tha e ainmeil ann an saoghal na Gà idhlig airson a chomasan a thaobh ceòl aig fèisean, mòdan agus cuirmean de gach seòrsa. Anns a' chòmhradh le Coinneach cluinnidh sinn fèin-eachdraidh Phòil agus sgeulachdan eile mu bheatha. bbc.co.uk/feasgar.
Last on
More episodes
Previous
Next
Coinneach agus Pòl MacCallum taobh a-muigh an taighe
Sealladh bhon taigh aig Pòl
Broadcasts
- Thu 27 Jul 2017 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 27 Jul 2017 21:13Â鶹Éç Radio nan Gà idheal