Seirbheis bho 1988 còmhla ris an Urr Niall Seathach
Seirbheis à tasglann a' BhBC còmhla ris an Urr Niall Seathach bho 1988. A 1988 Gaelic archive service from Greyfriars Free Church in Inverness with Reverend Neil Shaw.
Anns an t-seirbheis a chaidh a chlà radh ann an Eaglais nam Manach-Liath ann an Inbhir Nis ann an 1988 cluinnidh sibh na sailm agus leughadh a leanas:
Salm 72: 1-3 air fonn New London agus Salm 66: 17-20 air fonn Kilmarnock agus 's e Dòmhnall Iain Moireasdan a tha os cionn na seinn.
Rugadh an t-Urr Niall Seathach ann an 1936 ann an sgìre Bhruaich Chluaidh ann an Glaschu. Is ann à Ile a bha athair agus à Tolastadh a' Chaolais ann an Leòdhas a bha a mhà thair. Dh'fhuiling an teaghlach aige aig à m an dà rna cogaidh nuair a chaill iad an dachaigh ann an spreadhadh. Ghluais iad a Leòdhas còmhla ri cà irdean a mhà thar agus bha iad a' fuireach ann an Tolastadh a' Chaolais gus an do cheannaich iad taigh anns an Rubha. Chaidh Niall tron fhoghlam ann an Sgoil a' Chnuic agus ann an Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh. Dh'fhà g e an sgoil aig aois 15 agus chaidh e gu ruige Feachd an Adhair agus ceangailte ri sin, chuir e seachad ùine ann an Sasainn, Drochaid an Easbaig agus ann an Ùige, Eilean Leòdhais.
Dh'fhà g e Feachd an Adhair nuair a bha e bliadhna thar fhichead agus chaidh e air adhart airson na ministrealachd, a' tilleadh gu foghlam ann an Oilthigh Obar Dheathain agus às dèidh sin gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann.
Chaidh a phòsadh ris a' chiad Choitheanal ann an Eaglais Shaor Ulapul ann an 1968. Chaidh e às an sin gu Eaglais Shaor Chille Mhaille, a dh'Inbhir Pheofharain agus mu dheireadh gu Eaglais Shaor Chalanais, an coithional mu dheireadh a bh' aige mus do leig e dheth a dhreuchd. Ged a dh'fhà g e an sgìre, thug e ainm a' bhaile leis agus sin an t-ainm a th' air an taigh aige ann an Drochaid Sguideil.
Tha Niall Seathach pòsta aig Dolina à Paibil agus tha dithis chloinne aca, Sìne agus Tormod. Nuair a gheibh e mionaid dha fhèin tha Mgr. Seathach toilichte ùine a chur seachad anns a' ghà rradh, a' cur a h-uile seòrsa lus agus a' feuchainn ri beagan fois is sà mhchair fhaighinn. Bidh e cuideachd ag èisteachd ri ceòl clasaigeach.
Last on
An t-Urr Niall Seathach
Broadcast
- Sun 2 Jul 2017 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal