Coinneach madainn Diardaoin
Tha Iain Mac a' Phearsain a' mìneachadh dè a th'ann an Wahhabism. Iain MacPherson explains what Wahhabism is.
Tha trì ionnsaighean ceannairceach air tachairt ann am Breatann thairis air na trì mìosan a chaidh seachad. Ri linn sin tha tòrr deasbad agus còmhradh air nochdadh mu Wahhabism. Tha Iain Mac a Phearsain a' mìneachadh dè th' ann.
Cuideachd an-diugh tha cuid de dhùthchannan Arabach air an cùl a chur ri Stà it Cuatà r anns an Ear Mheadhanach. Tha Ruairidh MacSuain, a tha eòlach air an à ite, a' mìneachadh dè dìreach a tha a' tachairt anns an sgìre agus carson?
Tha moladh ga dhèanamh air an aithris a sgrìobh neach-deasaiche a' phà ipeir ionadail, Guth Bharraigh, mun bhuaidh thiamhaidh a thug ionnsaigh Manchester air coimhearsnachd an Eilean. Tha triùir sgrìobhaichean agus luchd-leughaidh a' toirt beachd air dè an seòrsa cumadh a tha air deagh cholbh là idir bho luchd-deasaiche pà ipear-naidheachd.
Agus am bi sibh air ar cois tron oidhche a-nochd a' coimhead air an Taghadh air an telebhisean? Uill ma bhios, tha an còcaire Alasdair MacLeòid a' dèanamh greimean bìdh (anns a h-uile seòrsa datha) airson ar sà sachadh air an oidhche mhòr. www.bbc.co.uk/coinneach.
Last on
More episodes
Previous
Broadcast
- Thu 8 Jun 2017 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal