Episode 151
Plèanaichean a' bomadh Lunnainn agus ceannard Ameireaganach a' ruighinn na Fraing. The events of WW1, including a German attack on London and Maj-Gen Pershing arriving in France.
Air an 13mh dhen Ògmhios 1917, ri solas an latha, thug plèanaichean Gearmailteach ionnsaigh chruaidh air Lunnainn. Chaidh còrr air 150 duine a mharbhadh agus faisg air 450 a leòn. Am measg nam marbh bha ochd sgoilearan deug à bun-sgoil ann am Poplar. Bha e air a rà dh nach robh daoine fhathast a' tuigsinn a' chunnart a dh'fhaodadh tighinn orra às an adhar agus, an à ite a dhol ri fasgadh, gur ann a bha gu leòr a' dol a-mach a choimhead nam plèanaichean.
Cluinnidh sinn cuideachd bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill mar a rà inig am Mà idsear-Seanailear Iain Eòsaph Pershing an Fhraing air an aon là .
Bha Pershing aithnichte mar shà r cheannard airm agus bha e eòlach air cogadh an dèidh a bhith sabaid an aghaidh tùsanaich Sioux agus Apache. Bha e air sabaid ann an Cùba, agus anns na Philippines agus b' e a bha air ceann an 10,000 saighdear a chaidh a Mheagsago a ghlacadh an Seanailear Rèabhlaideach, Pancho Villa, ann an 1915.
Last on
More episodes
Clip
-
Seachdain sa Chogadh 150617
Duration: 10:00
Broadcasts
- Thu 15 Jun 2017 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Fri 16 Jun 2017 11:50Â鶹Éç Radio nan Gà idheal