Main content
Sorry, this episode is not currently available

Coinneach madainn Diciadain

Tha Calina NicDhòmhnaill a' bruidhinn mu phlanntraisean a chuireas nar suain sinn. Calina MacDonald talks about plants that are good for inducing sleep.

An-diugh ri linn naidheachd Craig Whyte tha Coinneach MacMhathain a mìneachadh dè dìreach a th'ann a venture capitalism.

Tha ceithir cheud bliadhna ga chomharrachadh an dràsta bhon a chaidh Clàran na h-Alba a stèidheachadh. Se sin na clàran a tha ag innse cò leis a tha pìosan talmhainn.
'S iad na clàraidhean as sinne dhen t-seòrsa 's an t-saoghal. Tha an tè-lagh Magaidh NicAoidh a' mìneachadh dè tha iad a' ciallachadh.
Tha taisbeanadh inntinneach de sheann dhealbhan; A Perfect Chemistry: Photographs by Hill & Adamson air fosgladh aig Gailearaidh Portraid Nàiseanta na h-Alba ann an Dùn Èideann. Tha e ri fhaicinn ann an sin chun a' chiad latha den Dàmhair 2017. Co a bh' ann an a Hill and Adamson agus carson a bha iad cho math an cois a chèile? Tha Calum Aonghas MacAoidh ag innse an tuilleadh mun deidhinn.

Agus cò a tha ag iarraidh cadal tron Taghadh Nàiseanta?! Uill tha Calina NicDhòmhnaill a' toirt comhairle seachad mu phlanntraisean a chuireas nar suain sinn!

www.bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Last on

Wed 7 Jun 2017 21:00

Broadcasts

  • Wed 7 Jun 2017 09:00
  • Wed 7 Jun 2017 21:00