Ã’ige ann an Adabroc a Nis sna 40an
An Dtr Fionnlagh Macleòid a' togail cuspairean a th' air a bheò-ghlacadh tro bheatha. Dr Finlay Macleod discusses some of his varied interests and passions with Annella Macleod.
Tha an Dtr Fionnlagh Macleòid air a bhith a' sireadh dha fhèin fad a bheatha agus thairis air na seachd prògraman tha seo gheibh sinn boillsgeadh air dìreach cuid de na rudan a thog ùidh 's ris na ghreimich e agus a thug toileachas dha. Rugadh agus thogadh e ann am baile Adabroc ann a sgìre Nis an Eilean Leòdhais. Tha e na ceithir fichead bliadhna dùint' a-nis, ach cha bheag a shaoileas sin air an inntinn nach eil air a bhith na tà mh na bliadhnaichean tha sin, eanchainn a th' air a bhith a' sireadh gun sguir.
Chaidh e a sheòladh às dèidh na sgoile, rinn e Seirbhis Nà iseanta san RAF, bha e greiseag na fhear-smà laidh ann a Lunnainn, thug e mach saidhc-eòlas an Obar Dheathain, bha e a' teagasg, bha e na chomhairliche foghlaim, agus chan eil raon de na h-ealain Ghà idhlig anns nach robh e a' sà s.
Ach a' dol air ais chun an toisich, ged a bha òige dòigheil ann an iomadach seadh, bha falamhachd ann cuideachd.
Last on
More episodes
Previous
You are at the first episode
Next
Broadcasts
- Thu 1 Jun 2017 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 1 Jun 2017 22:10Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 4 Jun 2017 09:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal