Episode 49
Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Omnibus edition of Seachdain sa Chogadh, which looks back on the events of WW1.
Chaidh ionnsaigh eile a thoirt air Cavalry Farm air an 28mh den Ghiblean 1917. Bha na Seachdamh Camshronaich an teas-meadhan na h-ionnsaigh is chaill iad còrr is tri fichead saighdear. Bha call cuideachd aig Arleux, aig Treas Blà r an Scarpe agus aig Bullecourt, mar a chluinneas sinn bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill.
Agus air a' chiad latha den Chèitean thà inig na Stà itean Aonaichte ceum nas fhaisge air a bhith an sàs sa Chogadh nuair a rà inig a' chabhlach aca Queenstown, Còbh san là -an-diugh, an ceann-a-deas Èirinn.
Chaidh Ìomhar MacCoinnich, mac Iain Chaluim Chaluim à Brà igh na h-Aoidhe ann an Leòdhas, a mharbhadh san Fhraing air an 9mh den Chèitean 1917. Bha Murchadh MacPhà rlain, Bà rd Mhealaboist, a bha glè òg aig an à m, eòlach air Ìomhar agus 's ann dha a rinn e an t-òran, 'Socair Ort, a Dhòmhnaill, Seall'. Bhruidhinn Murchadh ri Fread MacAmhlaigh mun òran ann an 1972 agus cluinnidh sinn earrann dhan program sin a seo, agus Murchadh ag aithris na bà rdachd.
Bha sabaid chruaidh a' leantainn meadhan a' Chèitein 1917 timcheall air Arras. Tha Murchadh Moireach, bhon a' Bhac, a bha na oifigear anns na Sìophortaich, a' toirt dealbh na leabhar-latha air an dara là deug air an sgrios a dh'fhuiling am baile fhèin. 'Am baile briste an iomadh à ite - gu h-à raid mullach nan taighean. Cuid mhòr dheth uile ri là r - an eaglais mhòr labhrach air meud is maise. Obair-beatha iomadh linn air a thur-sguabadh le innealan sgrios na linne seo - gun truas gun bhacadh cogais'.
Air an t-seachdamh là deug cuideachd chaidh am bata-carago armaichte, an SS Dartmoor, a chur fodha faisg air taigh-solais Fastnet. Bha seòladairean às na h-Eileanan am measg na còig air fhichead a chaidh a bhà thadh, ceathrar à Barraigh agus fear à Tiriodh.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 22 May 2017 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 22 May 2017 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 28 May 2017 13:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal