Main content
Sorry, this episode is not currently available

07/05/2017

Sùil air dualchas agus cànan Eilean Mhanainn còmhla ri Iain MacIllechiar. Iain MacIllechiar explores the Manx language, culture and heritage.

Eilean Mhanainn - eilean beag am meadhan a' Chuain Eireannaich. Tha e ainmeil airson cìsean ìosal, an TT Rally - agus seòrsa de chat annasach gun earball! Ach tha ceanglaichean làidir eachdraidheil aige ri Alba agus tha a' Ghàidhlig aca gu math faisg air a' chànan againn fhìn.

Aig toiseach an Iuchair 2011, ghabh Iain MacIllechiar cuairt dhan eilean airson beagan fhaighinn a-mach mu chànan agus a dhualchas - agus ged a chaochail an duine mu dheireadh aig an robh Gàidhlig Mhanainneach bho ghlùin a mhàthar ann an 1974, mar a fhuair Iain a-mach, tha a' chuibhle a' dol mun cuairt, agus tha ath-bheothachadh a' tighinn.

Sa phrògram tha Iain an toiseacha a' toirt sùil air a' chànan agus a' coinneachadh ri cuid de na daoine a tha ga bruidhinn. Nuair a thadhail Iain san Iuchar bha muinntir Eilean Mhanainn a' comharrachadh là cudromach agus thadhail e air cruinneachadh Tynwald, tachartas a thathas a' cumail am Baile Chill Eòin air a' 5mh là den Iuchar gach bliadhna a' comharrachadh an Là Nàiseanta aca . 'S e an Tynwald ainm pàrlamaid Eilean Mhanainn agus tha Iain a' cluinntinn mar a tha e ag obair agus cuideachd a' faighinn blasad air ceòl an eilein agus a' faighinn a-mach beagan mu eachdraidh agus dualchas an eilein.

1 hour

Last on

Sun 7 May 2017 15:30

Broadcast

  • Sun 7 May 2017 15:30