Main content
Sorry, this episode is not currently available

An Canan Iain Aonghas Mac a' Bhreatannaich, nach maireann bho 2004

Seirbheis bho 2004 còmhla ris a' Chanan Iain Aonghas Mac a' Bhreatannaich, nach maireann. A Gaelic archive service from 2004 conducted by the late Canon John Angus Galbraith.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean is na leughaidhean a leanas:
'Thighearna, Thàinig thu Chun la Linne' le Còisir Eaglais Naomh Barr ann am Barraigh
'Tha mi 'g Aideachadh mo Lochdan' le Còisir Eaglais Naomh Mhìcheil an Èirisgeidh
Còisir Eaglais Naomh Peadair a' seinn 'An Crann Ceusaidh' agus 'Mhàthair Mhic Dè'
agus Criosaidh NicDhòmhnaill a' seinn 'S e 'n Tighearna mo Bhuachaille'.

Leughaidhean :
2 Samuel 12: 7-10 & 13
Lùcas 7:26 gu Lùcas 8:3

Rugadh Iain Aonghas Mac a' Bhreatannaich neo 'an Canan' mar a b' fheàrr a dh'aithnichear e, ann am baile Bhrèibhig ann am Barraigh ann an 1945. Ghluais an teaghlach aige dhan Òban nuair a bha e gu math òg. B' ann às dèidh sin 's gun e ach dusan bliadhna a dh'aois a dh'fhairich e ann fhèin gun robh ceangal daingeann agus làidir aige ris an eaglais agus ri chreideamh agus cha robh fada gus an deach e a dh'ionnsaigh dreuchd na sagartachd.

Às dèidh dreuchd sagairt a thoirt a-mach anns a' Ghiblean 1971, chuireadh e gu paraiste Naomh Peadair ann an Dalabrog na shagart-cuideachaidh agus 's ann san dearbh pharaiste a chrìochnaich e na làithean mu dheireadh dha bheatha. A bharrachd air paraiste Dhalabroig, bha e cuideachd na shagart ann an sgìrean eile leithid Ceann Loch Chille Chiarain agus an t-Òban.

Bha an Canan Iain Aonghas daingeann na chreideamh. Bha e airson daoine a thàladh air ais dha na h-eaglaisean agus rinn e obair mhòr ann a bhith dèanamh sin. Bha urram aig daoine dha, sean is òg, agus bha sin gu math follaiseach bhon àireamh dhaoine a thàinig chun na seirbheisean a chaidh a chumail ann an Glaschu, san Òban agus an Uibhist nuair a bhàsaich e gu h-obann ann an 2006.

Bha ùidh mhòr aig a' Chànan anns a' Ghàidhlig agus ann an cultar agus dualchas na sgìrean is e an còmhnaidh deònach pàirt a ghabhail agus taic a thoirt do phròiseactan, seirbheisean agus prògraman Gàidhlig. Bha ùidh aige as a' choimhearsnachd a bha e a' frithealadh, agus e an còmhnaidh a' toirt taic agus a' feuchainn ris a' chànan agus an cultar a ghleidheadh. Chruinnich e na h-ùrnaighean anns a' Ghàidhlig agus tha iad a-nis rim faighinn air làrach-lìn na sgìr-easbaig mar chuimhneachan air. Bidh cuimhne aig daoine air airson an strì agus an taic a thug e dhan choimhearsnachd aige fhèin nuair a bhathar a' feuchainn ri seirbheisean a ghleidheadh ann an Ospadal Dhalabroig agus foghlam aig àrd-ìre a ghleidheadh san àrd-sgoil anns a' sgìre.

30 minutes

An Canan Iain Aonghas Mac a' Bhreatannaich, nach maireann

An Canan Iain Aonghas Mac a' Bhreatannaich, nach maireann

Broadcast

  • Sun 7 May 2017 21:00