Main content
Sorry, this episode is not currently available

Coinneach Diardaoin

Ceud bliadhna bhon a thill Lenin gu Petrograd an dèidh 10 bliadhna thall thairis. Niall Bartlett explains how Lenin returned to Petrograd in 1917 after ten years of exile.

Tha marathon Lunnainn gu bhith a' tachairt Latha na Sàbaid 'sa tighinn ach cò ris a tha e coltach a bhith a' gabhail pàirt às an leithid? Cluinnidh sinn bho fheadhainn a bhios ri ruith iad fhèin mu na dùbhlain a tha na chois.

Tha sinn a' comharrachadh gu robh ceud bliadhna ann Didòmhnaich 'sa chaidh, bhon a thill Lenin gu Petrograd an dèidh deich bliadhna às an Eilbheis. Tha Niall Bartlett air a bhith a' rannsachadh na h-eachdraidh agus mar a lean cùisean às dèidh làimh.

An dèidh Theresa May taghadh choitcheann a ghairm Dimàirt 'sa chaidh, tha Pàdraig MacAmhlaigh a' toirt sùil air ais air taghaidhean eile a chaidh an gairm ann an cabhaig.

Agus tha Dòmhnall Uilleam Stiùbhart air ais le Gàidheil eile a tha airidh air urram, an t-seachdain 'sa na peathraichean Nic a' Mhaoilein a bha cudromach airson foghlam a leasachadh airson clann fo aois sgoile.

57 minutes

Broadcasts

  • Thu 20 Apr 2017 09:00
  • Thu 20 Apr 2017 21:13