Coinneach Diardaoin
An-diugh tha sinn a' cuimhneachadh air ais air na whodunnits a th'air a bhith air telebhisean. We remember our favourite TV whodunnits.
Tha an Not Shasannach air nochdadh ann an cruth ùr, 's cha neil ach beagan mhìosan againn airson an t-seann fheadhainn a chosg. An-diugh tha Ailig Dòmhnallach, a bhios a tional seann bhuinn is notaichean-airgid a' tadhal air Coinneach le chuid stòrais!
Tha Ken Barlow na chlosach aig bonn na staidhre anns an drama telebhisean Coronation Street. Ach cò mharbh e? 'S iomadh "Whodunit" a th'air a bhith ann an drama telebhisean thairis nam bliadhnaichean. Ciamar a tha sgrìobhaichean a cruthachadh sgeulachd là idir a bheò ghlacas daoine agus dè an fheadhainn as fheà rr aig am bheil cuimhn' aig daoine?
Tha Coinneach a' toirt sùil tro leabhar a -nochd bho chionn ghoirid mu Nursaichean na Banrigh a bh' anns na h-Eileanan an Iar. Tha Hebridean Heroines air a sgrìobhadh le Catriona Mhoireasdan. Agus tha Anna Fhriseal a tha na nurs air a bhith ga leughadh agus ann an còmhradh ri Coinneach mu dheidhinn.
Agus gach seachdain an drà sta tha an Dr Dòmhnall Uilleam Stiùbhart a ruith air sgeulachd-beatha Gà idheil urramach ach air nach eil mòran aithne. An-diugh sgeulachd Iain Dhòmhnallaich, a rugadh ann an Gleann Urachadain (1741). Sgrìobh e leabhar mòr Travels in Various Parts of Europe, Asia and Africa, During a Series of Thirty Years and Upwards a chaidh fhoillseachadh ann an 1790. B' e leabhar inntinneach, tarraingeach a bh' ann, far an robh an t-ùghdar ag innse mu bheatha fhèin mar shearbhanta 's na cuairtean air an deach e còmhla ri grunn mhaighstirean eadar-dhealaichte air feadh Bhreatainn, taobh siar na h-Eòrpa, agus na h-Ìnnseachan.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 30 Mar 2017 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 30 Mar 2017 21:13Â鶹Éç Radio nan Gà idheal