Tasglann: An t-Urr Mairi Byers, Eaglais na h-Alba 2006
Seirbheis bho 2006 còmhla ris an Urr Mairi Byers nach maireann bho Eaglais na h-Alba.
A Gaelic archive service from 2006 with the late Rev Mairi Byers, Church of Scotland.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean, sailm is leughaidhean a leanas:
O Thugadh Moladh Mòr Do Dhia, leis a' chòmhlan Cliar
An Grà dh tha Naomh, le coitheanal Seann Eaglais na Paraiste san Òban
Salm 23 le Kenna Chaimbeul
Siud an LÃ mh air an Luaidh Mi, le sgoilearan Sgoil Lionacleit
Salm 103: 1-2 air fonn Dundee agus 's e an t-Urr Niall Seathach a tha os cionn na seinn le taic bho Choitheanalan Leòdhais agus na Hearadh
Leughaidhean :Isaiah 40: 28-31
Marcus 2: 1-12
Ceann-teagaisg :Marcus 2: 4
Chuala sinn an naidheachd dhuilich gun do chaochail an t-Urramach Mà iri Byers air an treas la den mhìos seo aig aois ceithir fichead sa còig.
Mar a thuirt i fhèin "Thà inig mi dhan t-saoghal seo mar nighean ministeir, thuit mi ann an gaol, 's mi nise na mo bhean ministeir agus cha do stad mi gun ro mi fhèin na mo mhinistear".
Na faclan aig an Urr MÃ iri Byers nuair a rinn i sgeulachd beatha dhuinn air Radio nan Gaidheal bho chionn bhliadhnaichean air ais.
Leig Mà iri dhith dreuchd paraiste ann an 1998 ach, gu bho chionn ghoirid, bha i gu math trang bho là gu là san sgìre far a bheil i fuireach faisg air na Crìochan. Bidh i ga cumail fhèin trang a' frithealadh ospadail agus taighean-eiridinn ann an sgìre Annan, agus cuideachd a' searmonachadh gu math tric air Là na Sà baid.
Rugadh is thogadh an t-Urr Mà iri Byers ann an sgìre Staidhligearraidh ann an Uibhist a Deas - 's e ministear a bha na h-athair, an t-Urr Calum Laing, agus b' e am ministear a bha anns an Tobha Mòr son iomadach bliadhna. Bha seachdnar anns an teaghlach aig Mà iri. Chaidh i gu Bun-sgoil Thobha Mhòir agus às an sin gu Sgoil Phaibeil an Uibhist a Tuath. Chaidh i gu ruige Àrd-sgoil Phort Rìgh son foghlam aig à rd-ìre a chrìochanachadh, ach ann an 1947 ghluais an teaghlach gu ruige Alanais agus chrìochanaich i foghlam aig à rd-ìre ann an Àrd-sgoil Inbhir Pheofharain.
Bhiodh Mà iri riamh a' leughadh leabhraichean mu bhanaltraman - bha ùidh aice ann am Florence Nightingale agus bhiodh i cuideachd a' leughadh leabhraichean air an sgrìobhadh le miseanaraidhean. Nuair a dh'fhà g i an sgoil chaidh i a dh'Inbhir Nis a thrèanadh airson a bhith na banaltram agus às an sin chaidh i a Dhùn Èideann. B' ann an Dùn Èideann a choinnich i ris an duine aice (an t-Urr Ailean Byers) agus bha esan a' trèanadh airson a bhith na mhinistear aig an à m agus miann aigesan cuideachd a dhol a-null a theagaisg an t-soisgeil gu tìrean cèin.
Às dèidh dhaibh pòsadh agus esan dreuchd ministeir a thoirt a-mach chaidh iad a-null gu ruige Ghana agus bha iad a' fuireach ann an à ite iomallach an sin. Bha ceathrar a theaghlach aca agus bha Mà iri fhèin a' teagasg a cuid chloinne oir cha robh sgoiltean no goireasan foghlaim ro mhath sa sgìre. Thill iad air ais a dh'Alba ann an 1971 agus chaidh iad gu paraiste faisg air Obar Dheathain. Bhiodh Mà iri a' toirt seachad tòrr cuideachaidh taobh a-staigh na paraiste, a' teagasg 's a' cuideachadh ann an iomadh dòigh. Le sin, còmhla ris na sgilean a dh'ionnsaich i a' teagasg a cuid chloinne fhèin, chaidh i a dhèanamh cùrsa-teagaisg - ach cha robh na cùrsaichean 's an trèanadh a' stad aig an sin. Tro na bliadhnaichean rinn i cùrsaichean eile co-cheangailte ris an eaglais gus mu dheireadh rinn i cùrsa-trèanaidh airson a bhith na ministear. Ghabh i dreuchd ministeir ann an 1991 agus chaidh i gu Eilean Dhiùra far an robh i a' frithealadh na paraiste sin gu 1998. Anns na bliadhnaichean sin bhiodh seirbheisean Gà idhlig aice ann an Diùra agus an Ìle. Leig i dhith a dreuchd ann an 1998 oir cha robh an duine aice a' cumail ro mhath. Bhà saich Mgr Byers ann an 2013.
Last on
An t-Urr Mairi Byers
Broadcasts
- Sun 5 Mar 2017 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 25 Nov 2018 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal