Episode 136
Ameireaga ceum nas fhaisge air cogadh leis an SS Laconia dha cur fodha. The events of WW1, including the loss of US lives in the sinking of the SS Laconia pushing the US to war.
Chaidh am bà ta-siubhail, SS Laconia, a chur fodha air an 25mh den Ghearran 1917, rud a bha dol a thoirt buaidh fhathast air eachdraidh a' Chogaidh.
Bhuaileadh an Laconia le dà thorpìodo on bhà t-aigeil Ghearmailteach, SM U-50, mu 10 mìle-mara an iar-thuath air taigh-sholais Fastnet. Bha an Laconia ann an seirbheis na Nèibhidh aig toiseach a' Chogaidh ach chaidh i air ais gu Cunard as t-samhradh 1916. An t-seachdain seo, bha i tilleadh à Ameireaga le 70 luchd-siubhail is còrr is 200 de chriutha air bòrd. Chaill dusan am beatha, sianar sheòladairean agus sianar luchd-siubhail. Am measg an luchd-siubhail bha dithis Ameireaganach, boireannach à Chicago is an nighean aice. Thug seo buaidh mhòr air beachd dhaoine an Ameireaga air a' Chogadh, gu h-à raidh on a thachair gu robh fear-naidheachd on Chicago Tribune air bòrd an Laconia a bha a' cur naidheachdan dhachaigh mu na thachair. Cluinnidh sin bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill mar a ghabh Ameireaga ris na thachair.
Last on
More episodes
Clip
-
Seachdain sa Chogadh 020317
Duration: 10:00
Broadcasts
- Thu 2 Mar 2017 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Fri 3 Mar 2017 11:50Â鶹Éç Radio nan Gà idheal