Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Oll Urr Dòmhnall MacLeòid, an Eaglais Shaor - 2005

Seirbheis bho 2005 còmhla ris an Oll Urr Dòmhnall MacLeòid, an Eaglais Shaor. A Gaelic archive service from 2005 with Prof Donald MacLeod, Free Church.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus na leughaidhean a leanas:
Salm 23: 1-2 air fonn Kilmarnock agus 's e Fionnlagh Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh.
Salm 30: 11-12 air fonn London New agus 's e Iain MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Àrd-eaglais Steòrnabhaigh.
Salm 130 : 7-8 air fonn Walsall agus 's e Coinneach M MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh.

Leughaidhean: Leabhar an Taisbeanaidh 7: 9-17
Salm 130
Ceann-teagaisg: Salm 130

Rugadh an t-Ollamh Urramach Dòmhnall Macleòid ann an Tàbost, Nis, Eilean Leòdhais, ann an 1940. Ghluais an teaghlach a Lacasdal, faisg air Steòrnabhagh ann an 1945 agus b' ann ann an sin a chaidh e dhan bhun-sgoil. Chaidh e gu Sgoil MhicNeacail an dèidh sin. 'S e a' chuimhne as motha a th' aige air an àm sin nach do dh'ionnsaich e matamataigs! Cheumnaich Dòmhnall à Oilthigh Ghlaschu 's an uairsin à Colaiste na h-Eaglaise Saoire, 's chaidh a phòsadh ri coitheanal Chill Mhàillidh ann an 1964 far a robh e gu 1970. Bha e an uairsin na mhinistear ann am Partick Highland ann an Glaschu gus an d'fhuair e obair an Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an 1978. Bha e a' teagasg Diadhachd agus fhuair e dreuchd Prionnsapal na Colaiste ann an 1999. Tha e a-nise air a dhreuchd a leigeil dheth ach tha ceangalaichean dlùth aige ris a' Cholaiste fhathast. Bha e na neach-deasachaidh air iris-oifigeil na h-Eaglaise Saoire - The Monthly Record - eadar 1977 agus 1990.
'S ann à Siabost a tha a bhean, Màiri, 's tha triùir mhac aca.

30 minutes

An t-Oll Urr Dòmhnall MacLeòid

An t-Oll Urr Dòmhnall MacLeòid

Broadcast

  • Sun 26 Feb 2017 21:00