2/2 Balaich a bh' ann an sgioba nam maor-chladaich ann an Dùn Thuilm
Feadhainn a bha uair ag obair còmhla, ri chèile a-rithist. An-diugh sgioba nam maor-chladaich ann an Dùn Thuilm. A reunion of former members of Duntulm Coastguard in Skye.
Tha còrr agus trì cheud gu leth sgioba maor-chladaich mu chostaichean na Rìoghachd Aonaichte agus unnta sin tha mu thrì mìle gu leth oifigear saor-thoileach a tha air an trèanadh airson cobhair a dhèanamh air feadhainn a tha ann an èiginn mu na cladaichean. Agus tha an t-èolas mionaideach a tha aig na sgiobaidhean sin air a' choimhearsnachd aca fhèin na chuideachadh mòr dha na polais agus seirbheisean èiginn eile, ris am bidh iad ag obair gu dlùth.
Tha èolas gu leòr aig Iain MacCoinnich, Dòmhnall MacLeòid, Seumas Dòmhnallach agus Alasdair Dòmhnallach air cladaichean cheann a tuath an Eilein Sgitheanaich mar a chuala sin sa phrògram mu dheireadh. An-diugh, tha Seumas Dòmhnallach air ais nan cuideachd a chluinntinn an tuilleadh sgeulachdan bhuapa.
Last on
Broadcasts
- Thu 16 Feb 2017 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 16 Feb 2017 22:10Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 19 Feb 2017 09:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal