Main content
Sorry, this episode is not currently available

2/2 Tidsearan bha a' teagaisg ann an Àrd-sgoil Phort Rìgh còmhla ri chèile a-rithist

2/2 Feadhainn a bha uair ag obair còmhla, ri chèile a-rithist. An-diugh tidsearan Àrd-sgoil Phort Rìgh. A reunion with former staff of Portree High School in Skye.

Còmhla a-rithist - sreath eile de phrògraman air Â鶹Éç Radio nan Gàidheal far am bi sinn a' toirt feadhainn a bha uair ag obair còmhla, ri chèile a-rithist.

'S e Seumas Dòmhnallach a tha anns a' chathair san t-sreath seo agus anns na seachdainean a leanas tha e a' siubhal air feadh an Eilein Sgitheanaich. Anns a' chiad phrògram, thachair Seumas ri feadhainn a bha dha theagasg fhèin, agus iomadh duine eile, roimhe agus às a dhèidh, ann an Àrd-sgoil Phort Rìgh. Chaidh Murdina Stiùbhart, Màiri NicDhòmhnaill, Alasdair Ross agus Murchadh Peutan air ais dhan chiad lathaichean aca fhèin a' teagaisg, ag innse mun fhealla dha agus an spòrs ris an robh iad, an t-atharrachadh math agus dona a chunnaic iad, 's mar a thàinig foghlam tro mheadhan na Gàidhlig gu buil san Àrd-sgoil. Bha, agus tha Àrd-sgoil Phort Rìgh fhathast a' tarraing chloinne bho chearnaidhean den Eilean Sgitheanach agus à Ratharsaigh, a tha astar mòr a Port Rìgh. Chaneil roghainn aig mòran dhiubh sin ach fuireach fad na seachdain ann an ostailean na sgoile agus 's iomadh sgeulachd a thàinig às na h-ostailean mar a chluinneas sinn san dàrna prògram còmhla ris na tidsearan an t-seachdain sa.

30 minutes

Broadcasts

  • Thu 2 Feb 2017 12:00
  • Thu 2 Feb 2017 22:10
  • Sun 5 Feb 2017 09:30