Main content
Sorry, this episode is not currently available

2/2 Seirbheis le Iain Moireach, Èildear Eaglais Shaor Dowanvale, Glaschu, 1995

2/2 Seirbheis bho 1995 còmhla ri Iain Moireach, èildear ann an Eaglais Shaor Dowanvale, Glaschu. A Gaelic service from 1995 with John Murray, elder Dowanvale Free Church.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 40: 1-2 air fonn Walsall agus 's e Calum MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chrois.
Salm 34: 17-18 air fonn Torwood agus 's e Aonghas Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Loch nam Madadh .
Leughadh: Isaiah 53: 1-12
Ceann-teagaisg: 2 Corintianaich 5: 20-21

'S ann do bhaile Shuaineaboist ann an Nis a bhuineas Iain Moireach. Chaidh e a Sgoil Chrois agus a Sgoil Lionail agus às an sin gu Sgoil MhicNeacail mus do ghluais e a Ghlaschu.

Bha Iain na nurs do dhaoine a bha a' fulang le tinneas-inntinn ann an Ospadal Hawkhead ann an Glaschu fad deich bliadhna. Ghluais e a dh'obair gu math eadar-dhealaichte às dèidh sin, nuair a chaidh e an sàs ann a bhith a' reic àrachais agus a' toirt comhairle ionmhais seachad.

Tha Iain pòsta aig Màiri Anna à Siabost agus tha dithis mhac agus ceathrar oghaichean aca.

Bha e na èildear ann an Eaglais Shaor Dowanvale ann an Glaschu agus uair no dhà sa mhìos bhiodh e cuideachd a' searmonachadh.

30 minutes

Iain Moireach

Iain Moireach

Broadcast

  • Sun 22 Jan 2017 21:00