Eapasod 2
Tuilleadh sheanchasan mun t-seòladh bho eileanaich bha thall 's a chunnaic. Le Fionnlagh Macleòid More stories of life at sea from islanders who sailed every ocean.
Ma bha duine a' seasamh taobh muigh Talla Bhaile Steòrnabhaigh an dà là a thug Pròiseact nan Sgeulachd cuid de sheòladairean nan Eilean Siar cruinn ann a 2004 chan eil rian nach robh iad a' miannachadh a bhith staigh còmhla riutha leis na bha de ghà ireachdainn ri chluinntinn. Bha seanchasan mu chur na mara, mu 'Pheggy', mu shoithichean, mu chompanaidhean agus mu chrosdachd dhen a h-uile seòrs', agus iad air an innse mar gur ann an oidhche ron a sin a bha iad air a thighinn dhachaigh bho sheòladh leis cho ùr 's a bha iad san innse. Bha a' mhòr-chuid dhiubh aotram ach bha feadhainn an là thair ris na thachair suidheachaidhean a bha gu math duilich, ach aon uair 's gun thòisich iad cha ghabhadh stad a chur orra agus dhùisg iad iomadh cuimhne - sannd dìobhart do chuid!
Bha Fionnlagh Macleòid, a chur greiseag seachad aig muir e fhèin, còmhla riutha agus thagh e cuid dhan iomadh facal a chaidh a chlà radh - agus a ghabhadh a chraoladh! San dà rna turas còmhla riutha cluinnidh sinn mu na 'whalers' agus an seòrsa beath' a bh' aca sin. Cha robh a bhith aig muir gun thubaistean, agus cluinnidh sinn mu chuid anns a robh à bhachdas agus dibhearsan agus cuid eile a bha marbhtach agus a thug buaidh mhòr air seòladairean. Gheibh sinn a-mach cuideachd dè na thachair nuair a choinnich seòladair à Leodhas ri seòladair Ruiseanach a bha airson litir a sgrìobhadh gu a leannan agus na thachair ri Leòdhasach eile a bha a' feitheamh ri fear de chà irdean ris a robh e coinneachadh ann a Vancouver.
On radio
More episodes
Previous
Next
You are at the last episode
Balaich an t-Seòlaidh
Balaich an t-Seòlaidh
Broadcasts
- Mon 2 Jan 2017 10:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Today 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal