Deireadh Linn
Ceangal ris an teaghlach MacCallum a' tighinn gu ceann am-bliadhna an Taigh-òsta Roghadail. End of an era for the MacCallum family and their connection to Rodel Hotel in Harris.
Aig deireadh an t-samhraidh thà inig naidheachd gun robh Taigh-òsta Roghadail ann an ceann-a-deas na Hearadh a' dùnadh a dorsan airson an uair mu dheireadh agus ga cuir air a' mhargaidh, a' ciallachadh deireadh a' cheangail ris an teaghlach MacCallum aig an robh an taigh-òsta bho 1934. B' e togalach a bha seo a choisinn cliù ann an eachdraidh a' dol air ais gu 1781 nuair a chaidh a thogail le Alasdair MacLeòid a bhuineadh do Bheà rnaraigh 's aig an robh oighreachd na Hearadh aig an à m.
Anns a' phrògram seo tha Ceitidh Anna NicChoinnich a' cluinntinn bho Dhòmhnall Dòmhnallach a tha na eachdraiche anns a' sgìre mu na bliadhnaichean a bha Taigh Roghadail aig a' Mhorair Dunmore agus aig a' Mhorair Leverhulme suas gu 1925. Tha sgeulachd romansach aig Dòmhnall cuideachd a dh'fhà g Taigh Roghadail glè mhòr anns na naidheachdan ann a 1850: sgeulachd Seasaidh Bhaile Raghnaill.
Tha Coinneach Caimbeul ag innse mar a chaidh a sheanair agus fear eile às an t-Òb, Seonaidh Eà irdsidh Moireasdan, sìos a Lunnainn gu rup ann an 1926 a cheannach an taigh-òsta.
Bidh Ceitidh Anna cuideachd a' coinneachadh ri dithis a bha ag obair anns an taigh-òsta anns na 1950an suas ri fichead bliadhna às dèidh do Sheoc MacCallum sealbh a ghabhail air an à ite. 'S iadsan Flòrag Nic A' Phiocair à Roghadal agus Katie Mary Mhoireasdan bhon Bhogha Ghlas. Agus bithear a' cuimhneachadh air na là ithean a bhiodh an 'Lochmòr' a' tadhal ann an Loch Roghadail agus mun latha eachdraidheil a thadhail am 'Brittania' anns a' bhliadhna 1956 leis an Teaghlach Rìoghail air bòrd.
Last on
More episodes
Previous
You are at the first episode
Next
Taigh-òsta Roghadail
Broadcasts
- Tue 27 Dec 2016 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 27 Dec 2016 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 27 Jul 2017 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 27 Jul 2017 22:10Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 30 Jul 2017 09:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal