An t-Urramach Iain M Mac a' Ghobhainn (John Murdo an Tucsain)
An t-Urr. Iain M Mac a' Ghobhainn. Turas-beatha à Clachan Shiadair gu Clachan Uibhist. Rev John M Smith. A life journey from the villages of Shader, Lewis to Clachan, Uist.
Chaidh Bonn Ìmpireachd Bhreatainn, am BEM, a bhuileachadh air an Urr Iain M Mac a' Ghobhainn ann an Liosta Urraman na Banrigh am bliadhna agus chan e sin a-mhà in, tha e cuideachd a' comharrachadh 60 bliadhna bhon a chaidh e na mhinistear an toiseach.
Ged a rugadh an t-Urramach Iain M. Mac a' Ghobhainn, John Murdo an Tucsain, ann an Leòdhas anns an Lùnastal 1927, chanadh e fhèin nach mòr nach e Uibhisteach a th' ann. Dh'fhalbh e à Leòdhas aig aois 18, nuair a chaidh e do Fheachd an Adhair, agus tha e air a bhith an Uibhist còrr math air leth-cheud bliadhna.
B' e an treas mac aig Alasdair Iain Sheònaid à Siadar agus bhuineadh a mhà thair, Oighrig Iain Uilleim Ruaidh, do sgìre Bharabhais. Bha còignear theaghlach aca - Dòmhnall Iain, Uilleam, John Murdo, Catrìona agus Dòmhnall Murdo. Clann an Tucsain a chanar riutha, an t-ainm a' tighinn bhon athair a chuir seachad ùine an Ameireagaidh na òige.
Chaidh Iain do Sgoil Àirigh an Tuim agus às dèidh an sgoil fhà gail aig aois 14, bha e a' dèanamh obair sam bith a bha dol, a' cuideachadh le obair fearainn agus le togail thaighean. Aig aois 18 chaidh a thogail do Fheachd an Adhair. An dèidh greis a' trèanadh ann an Sasainn am meadhan nan dà fhicheadan, chaidh e dhan Èiphit agus às dèidh sin a dh'Iraq.
Thill John Murdo à Feachd an Adhair air ais a Shiadar ann an 1948 agus bliadhna an dèidh sin thà inig atharrachadh na bheatha nuair a bha dùsgadh spioradail as a' sgìre ri linn an t-soisgeulaiche an t-Urr Donnchadh Caimbeul. Chuir John Murdo aghaidh air foghlam agus ullachadh airson a bhith na mhinisteir. An 1956, cho luath 's a bha e ullamh, fhuair e gairm a dh'Uibhist a Deas, bho choitheanal Eaglais Tobha Mòr. Bha trì eaglaisean rim frithealadh as a' sgìre - ann an Tobha Mòr, san Druim Mòr agus san Ìochdar. 'S ann an eaglais an Ìochdair a choinnich e ri bhean, Mairead Nic a' Phearsain, a bha na tidsear bun-sgoil agus, dà bhliadhna an dèidh dha dhol a dh'Uibhist, phòs iad.
Bha an t-Urr Mac a' Ghobhainn air a bhith ann an Tobha Mòr seachd no ochd a bhliadhnaichean nuair a fhuair e gairm bho choitheanal Loch nam Madadh is Thruimisgearraidh. Ghluais e gu tuath ann an 1963. Shaothraich e an Uibhist a Tuath airson 30 bliadhna, a' frithealadh trì eaglaisean an Truimisgearraidh, Loch Portan agus Loch nam Madadh. Tha e air a dhreuchd a leigeil dheth ach tha e fhathast a' fuireach a Loch nam Madadh. Thairis air na bliadhnaichean a bha e ag obair an Uibhist a Tuath, tha e smaoineachadh gun d' rinn e mu 6,000 searmon, gun do bhaist e còrr air 200 pà iste agus gun do phòs e 90 cà raid.
Last on
An t-Urramach Iain M Mac a' Ghobhainn na èideadh RAF
An teaghlach Tucsain
An t-Urramach Iain M Mac a' Ghobhainn
Broadcast
- Christmas Day 2016 21:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal