Main content
Sorry, this episode is not currently available

Seirbheis còmhla ris an Dr Urr Ruairidh MacLeòid

Seirbheis còmhla ris an Dr Urr Ruairidh MacLeòid, Eaglais na h-Alba. A Gaelic service conducted by Rev Dr Roddy MacLeod, Church of Scotland.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm, laoidh agus an leughadh a leanas:

Salm 103: 1-3 air fonn Dundee agus 's e Iain Moireach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Patick Highland.
Salm 143: 8-9 air fonn London New agus 's e Aonghas MacIllFhinnein a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.
Salm 106: 405 air fonn Evan agus 's e Dòmhnall Iain MacIllFhinnein a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Loch nam Madadh.

Laoidh Nollaige, 'Seall Thall Tighinn bhon Ear' le Mairi NicAonghais

Leughadh: Isaiah 6: 1-8
Ceann-teagaisg: Isaiah 6: 1

Rugadh Ruairidh MacLeòid ann an Loch nam Madadh agus bha e na mhinistear ann an Cumlodain, Taobh Loch Fìn agus Loch Geàrr o 1985 gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 2012 . Bidh e fhathast a' cumail sheirbheisean Gàidhlig ann am Meadhan Earra Ghàidheal agus anns an Òban a h-uile mìos.
Bha e bliadhna thar fhichead mar mhinistear ann am Beàrnaraigh na Hearadh mus tàinig an cabhsair. Tha e cuideachd air a bhith an sàs ann an grunn bhuidhnean Gàidhlig, leithid Urras MhicCaoig agus Comann Litreachas na h-Alba, a bharrachd air comataidhean Gàidhlig aig an eaglais. Tha e air a bhith a' deasachadh nan Duilleagan Gàidhlig aig Eaglais na h-Alba o 1981. Nuair nach eil e a' sgrìobhadh bidh e a' dol cuairt leis a' chù agus a' cluich teanas-bùird.

30 minutes

Broadcasts

  • Sun 18 Dec 2016 09:00
  • Sun 18 Dec 2016 15:00