An t-Urr Ruairidh MacFhionghain nach maireann bho Eaglais na h-Alba 2003
Còmhla ris an Urr Ruairidh MacFhionghain (nach maireann) Eaglais na h-Alba bho 2003.
An archive service from 2003 conducted by the late Rev Roddy MacKinnon, Church of Scotland.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm is an leughadh a leanas:
Salm 143: 6-7 air fonn Martyrdom agus 's e an t-Urr Niall Seathach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Nam Manach Liath ann an Inbhir Nis.
Salm 139: 1-2 air fonn London New agus 's e Iain MacSuain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart
Salm 106: 4-5 agus 's e Calum Iain MacSuain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.
Leughadh: Eseciel 37 : 1- 14
Ceann-teagaisg: Eseciel 37 : 3
Bhà saich an t-Urramach Ruairidh MacFhionghain anns an Fhaoilleach am bliadhna. Bhuineadh e do Bhun Abhainn Eadarra sna Hearadh. Bha e ri saorsainneachd airson dusan bliadhna às dèidh an sgoil fhà gail agus an uairsin chaidh e na mhiseanaraidh a dh'Eilean Thiriodh.
Chaidh e dhan oilthigh ann an 1968 agus às dèidh cead-searmonachaidh fhaighinn chaidh a phòsadh ri coitheanal Dhalabroig ann an Uibhist a Deas. Bha pòsadh eile na bheatha air a' bhliadhna sin cuideachd, 's bha dithis a theaghlach aca, Iain agus Rona. Fhads a bha e ann an Uibhist bha e cuideachd na chomhairliche air sgìre a' chinn a deas.
Leig e dheth a dhreuchd ann an 1995 agus rinn e a dhachaigh ann an Drochaid Sgudail faisg air Inbhir Pheofharain.
Last on
An t-Urr Ruairidh MacFhionghain
Broadcasts
- Sun 27 Nov 2016 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 10 Feb 2019 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal