Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 121

Blàr an Ancre a' tòiseachadh air an 13mh, an t-sabaid mòr mu dheireadh air an Somme. The events of WW1, including the Battle of the Ancre, the last major offensive of the Somme.

Air an 11mh den t-Samhain 1916 thàinig am blàr airson an talamh àrd os cionn Abhainn Ancre air an Somme gu ceann. Bha am batal seo air a bhith a' dol bhon chiad latha dhen Dàmhair agus bha droch shìde air màill agus cruadal uabhasach adhbhrachadh dha na feachdan Breatannach agus Canèidianach. Ach air an 11mh chaidh aca air adhartas a dhèanamh a leigeadh leotha putadh air adhart leis an dara pàirt de Bhlàr an Ancre dà latha às dèidh sin.

Air an 13mh den t-Samhain thòisich Blàr an Ancre, an t-sabaid mhòr mu dheireadh dhen bhliadhna air an Somme. Aig cuid, leithid an 51mh Roinn Ghàidhealach b' e Batal Beaumont Hamel a bh' aca air, oir b' e sin a' chiad bhaile air an tug na feachdan Breatannach ionnsaigh air an 13mh. Gu dearbh chaidh caismeachd pìoba, 'The Taking of Beaumont Hamel', a sgrìobhadh leis a' phìobaire Iain MacIllFhialain à Dùn Omhain mar chuimhne air an ionnsaigh.

Cluinnidh sinn caismeachd Iain agus iomradh air cuid de na chailleadh aig Gilleasbuig MacDhòmhnaill.

10 minutes

Last on

Fri 18 Nov 2016 11:50

Clip

Broadcasts

  • Thu 17 Nov 2016 21:00
  • Fri 18 Nov 2016 11:50