Bèicear Thà boist le Donnchadh MacGillIosa agus A' Chùil le Fionnlagh Macleòid
Sgeulachdan Bèicear Thà boist le Donnchadh MacGillIosa agus A' Chùil le Fionnlagh Macleòid. Two short stories from acclaimed Gaelic authors Duncan Gillies and Finlay Macleod.
Tha an dithis bho bheil sinn a' cluinntinn san t-sreath seo air a bhith eòlach air a chèile fad bhliadhnaichean - thogadh iad san aon sgìre ann a Leòdhas agus tha sgrìobhadh an dithis freumhaichte a sin ged nach eil macmeanmna duine seach duine dhan cuingealachadh ris.
Anns gach prògram san t-sreath tha Sgeulachd an Duine aig Donnchadh MacGillIosa agus Fionnlagh Macleòid à sgìre Nis. Eadar an dithis tha iad air nobhailean, aithrisean eachdraidh, deilbh-chluich agus sgeulachdan chloinne a chur ri litreachas na Gà idhlig ann an tomhais nach beag. Ach 's iad sgeulachdan do dh'inbhich a th' aca seo.
Tha iad a' tighinn bhon chruinneachadh Mà iri Dhall agus Sgeulachdan Eile aig Donnchadh MacGilliosa agus bho Dìomhanas aig Fionnlagh Macleòid - an dà chruinneachadh air fhoillseachadh le CLÀR bhon sgeama Ùr-Sgeul. B' e amas Ùr-Sgeul rosg Gaidhlig ùr do dh'inbhch a bhrosnachadh agus a chur an clò.
'S e amas Sgeulachd an Duine cuid de na sgeulachdan sin a sgaoileadh nas fharsaing na luchd-leughaidh, le cothrom a bhith dhan èisteachd agus dhan leantainn ann a sgrìobhadh aig an aon à m. 'S gheibh sibh sgrìobht' iad air a' là rach-lìn aig CLÀR aig clar.org.uk.
An toiseach dà sgeulachd le balach beag mar phrìomh charactar anns gach tè - Bèicear Thà boist air a sgrìobhadh agus air a h-innse le Donnchadh MacGillIosa agus A' Chùil air a sgrìobhadh agus air a h-aithris le Fionnlagh Macleòid.
Last on
More episodes
Previous
You are at the first episode
Broadcasts
- Tue 15 Nov 2016 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 15 Nov 2016 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 20 Nov 2016 10:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal