Leòdhas agus an t-Eilean Sgitheanach
Far-ainmean à Leodhas 's às an Eilean Sgitheanach air an cruinneachadh le Ailean Caimbeul. Nicknames from Lewis and Skye, as told to Allan Campbell.
Nuair a bha ainmean leithid Dòmhnall, Calum, Iain, Murchadh agus Niall a' leantainn theaghlaichean agus nuair nach robh sloinnidhean cha mhòr ann ach Macleòid, Dòmhnallach, Caimbeul agus MacIllEathain, dh'fheumar dòigh fhaighinn air balaich a dhealachadh bho chèile airson 's gum biodh cinnt cò air a bhathas a' bruidhinn. Bha far-ainm dha thoirt ort bho aois òg aig an taigh neo anns a' sgoil, neo 's dòcha fear eile sna ostailean-sgoile. Anns an t-sreath seo tha Ailean Caimbeul air a bhith air chuairt a' siubhal an liuthad far-ainm annasach, ait agus eirmseach a bha ri chluinntinn sna sgìrean Gà idhealach.
Sa phrògram mu dheireadh an-drà sta, tha Ailean ann an còmhradh ri Dòmhnall Noraidh Macleòid à Tolastadh a' Chaolais, Tormod MacArtair ( Brot ) à Cà rlabhagh ann a Leòdhas. San Eilean Sgitheanach tha e a' faighinn an tuilleadh fhar-ainmean bho Dhonaidh MacFhionghain ( Skiffle ) à Camus Croise agus bho Theà rlach MacIlleBhrà ighe à Àrd Shlèite.
Last on
More episodes
Previous
Next
You are at the last episode
Broadcasts
- Tue 1 Nov 2016 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 1 Nov 2016 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 6 Nov 2016 10:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal