Episode 118
HMS Gensita dha cuir fodha agus Blà r Caolas Dobhair dha shabaid thairis air dà là . The events of WW1, including the sinking of HMS Genista and the Battle of Dover Strait.
Am measg naidheachdan a' chogaidh air an t-seachdain sa aig Gilleasbuig MacDhòmhnaill tha call HMS Genista. Bha i a' sguabadh na mara airson mèinnichean bhar Cost an Iar Èirinn nuair a chaidh a bualadh le torpìodo o bhà t-aigeil air an treas là fichead den Dà mhair, agus chaidh i fodha gu luath. Chaidh dusan seòladair a shà bhaladh ach chaidh an còrr den chriutha a bhà thadh. Nam measg bha Dòmhnall MacAoidh, Dòmhnall Chaluim Dhòmhnaill à Port nan Giùran san Rubha ann an Leòdhas. Cluinnidh sinn nach bu bheag a bha dha chaoidh aig an taigh.
Air oidhche an 26mh den Dà mhair 1916 thug 23 de na bà taichean-torpìodo Gearmailteach a bha stèidhte sa Bheilg ionnsaigh air an Dover Barrage, a bha a' dìon a' chuid sin den Chaolas Shasannach. Cha robh a' cumail geà ird aig an à m ach seann bhà ta-cogaidh, HMS Flirt, agus sia bà taichean-iasgaich a bha an Nèibhidh air a ghabhail thairis. Loisg na bà taichean Gearmailteach orra le gunnaichean is torpìodothan agus chaidh HMS Flirt fhèin, na sia bà taichean-beaga a bha i dìon, agus bà ta-carago a chur fodha. Chaidh dà fhichead is a còig seòladair Breatannach a bhà thadh agus deichnear a chur an greim. Bha Cailean Camshron à Muile air bòrd HMS Flirt agus bha e am measg na chaidh a mharbhadh.
Last on
More episodes
Clip
-
Seachdain sa Chogadh 271016
Duration: 10:00
Broadcasts
- Thu 27 Oct 2016 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Fri 28 Oct 2016 11:50Â鶹Éç Radio nan Gà idheal