Main content
Sorry, this episode is not currently available

Leabhraichean a' Mhòid air a thighinn, 's am Mòd a' teannadh dlùth

Leabhraichean a' Mhòid air a thighinn, tòrr ùpraid san oifs 's tha am Mòd a' teannadh dlùth The programmes have arrived, it's chaos in the office and the Mod is fast approaching.

Tha obair ullachaidh Seòid a' Mhòid cha mhòr a' tighinn gu crìch agus am Mòd a' teannadh dlùth!
Tha an t-àm ann airson cuid de na brataich a chur suas airson aire mhuinntir an àite a ghlacadh agus a chur nan sùilean nach eil am Mòd fad às agus gu bheil e gu bhith air an starsach fhèin. Chaidh a' choinneamh mu dheireadh aig a' chomataidh ionadail a chumail agus bha tòrr ùpraid an oifis a' Chomuinn nuair a nochd leabhraichean a' Mhòid ris an robh iad a' feitheamh gu foighidneach.
Gun ach latha ri dhol, agus airson an dàrna turas am bliadhna, bha aig luchd-obrach a' Chomuinn Ghàidhealaich ri imrich a dhèanamh. Bho chionn mìosan ghluais iad à Ceàrnag Phercival gu Sràid Sheumais, a-nise tha iad a' gluasad gu Sgoil MhicNeacail ach dìreach airson seachdain. Gun ach uairean a thìde air fhàgail tha na caileagan trang a' sgeadachadh an àrd-ùrlar agus trang leis na prìnichean a' fuaigheal rudeigin sònraichte eile cuideachd.
Agus tha Mod 2016 air fhosgladh gu h-oifigeil .

30 minutes

Am Peitean aig Dòmhnall

Am Peitean aig Dòmhnall

Am bogsa dearg aig Doileag

Am bogsa dearg aig Doileag

An leabhar beag dubh aig Peigi

An leabhar beag dubh aig Peigi

Nana NicIllEathain agus Seòrdag NicChoinnich 's iad trang a' sgeadachadh

Nana NicIllEathain agus Seòrdag NicChoinnich 's iad trang a' sgeadachadh

Broadcasts

  • Mon 17 Oct 2016 12:00
  • Mon 17 Oct 2016 23:30
  • Sun 23 Oct 2016 13:00