Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Eilean Sgitheanach

Episode 4 of 6

Grunn san Eilean Sgitheanach a' bruidhinn air far-ainmean còmhla ri Ailean Caimbeul. Allan Campbell continues his journey collecting nicknames in Skye.

Nuair a bha ainmean leithid Dòmhnall, Calum, Iain, Murchadh agus Niall a' leantainn theaghlaichean agus nuair nach robh sloinnidhean cha mhòr ann ach Macleòid, Dòmhnallach, Caimbeul agus MacIllEathain, dh'fheumar dòigh fhaighinn air balaich a dhealachadh bho chèile airson 's gum biodh cinnt cò air a bhathas a' bruidhinn. Bha far-ainm dha thoirt ort bho aois òg aig an taigh neo anns a' sgoil, neo 's dòcha fear eile sna ostailean-sgoile. Anns an t-sreath seo tha Ailean Caimbeul air a bhith air chuairt a' siubhal an liuthad far-ainm annasach, ait agus eirmseach a bha ri chluinntinn sna sgìrean Gàidhealach.

Sa phrògram sa tha Ailean a' fuireach san Eilean Sgitheanach agus a' faighinn tuilleadh fhar-ainmean bho Dhòmhnall Iain MacIllFhinnein sa Choire faisg air an Àth Leathann. Às a sin tha e togail air a Shlèite far a bheil e a' coinneachadh ri Donaidh MacFhionghain à Camus Croise agus ri Teàrlach MacIlleBhràighe à Àrd Shlèite. 'S mar nach robh sin gu leòr, tha e cuideachd a' toirt sgrìob air far-ainmean Mhinginis còmhla ri Murchadh Caimbeul.

30 minutes

Last on

Sun 16 Oct 2016 10:00

Broadcasts

  • Tue 11 Oct 2016 12:00
  • Tue 11 Oct 2016 22:00
  • Sun 16 Oct 2016 10:00