Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Coinneach Dòmhnallach, ministear-cuideachaidh aig Eaglais na h-Alba

Còmhla ris an Urr Coinneach Dòmhnallach, ministear-cuideachaidh aig Eaglais na h-Alba. A Gaelic service conducted by Reverend Kenneth MacDonald, Church of Scotland.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 106: 1-2 air fonn St David agus 's e Dòmhnall MacÌomhair a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor an Uillt Bheithe.
Salm 61; 1-3 air fonn Kilmarnock agus 's e Eòin Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Cille Mhoire.
Salm 31: 23-24 agus 's e Dòmhnall M Fearghasdan a tha os cionn na seinn le taic choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.

Leughadh: 1 Rìghrean 4: 1-7
Ceann-teagaisg: 1 Rìghrean 4:2

S e an t-Urramach Coinneach Dòmhnallach a bha na Mhinistear Cuideachaidh ann an Eaglais na h-Alba a tha searmonachadh dhuinn air an t-seachdain seo.

Rugadh is thogadh Coinneach Dòmhnallach air a' Chomraich air taobh siar Siorrachd Rois. Chaidh e tron fhoghlam an Àrd-Sgoil Inbhir Pheofharain agus an Oilthighean Ghlaschu is Chambridge. Fad iomadh bliadhna, bha e na òraidiche ann an Roinn na Ceiltis an Oilthigh Ghlaschu. Nuair a leig e dheth a dhreuchd an sin, rinn e cùrsa-trèanaidh gu bhith na Mhinistear Cuideachaidh ann an Eaglais na h-Alba.

Bha e mu dheireadh an sàs anns an obair sin ann an Eaglais an Naomh Pòil ann am Muileann Dhaibhidh air iomall Ghlaschu.

30 minutes

An t-Urr Coinneach Dòmhnallach

An t-Urr Coinneach Dòmhnallach

Broadcasts

  • Sun 9 Oct 2016 09:00
  • Sun 9 Oct 2016 15:00