Dòmhnall 'Ryno' MacGilleMhoire agus Ruaraidh ' Panda' Moireach - Nis
Ailean Caimbeul a' còmhradh ri dithis eile à sgìre Nis a Leòdhas mu fhar-ainmean an à ite. Allan Campbell talks to Donald Morrison and Roddy Murray about nicknames.
Nuair a bha ainmean leithid Dòmhnall, Calum, Iain, Murchadh agus Niall a' leantainn theaghlaichean agus nuair nach robh sloinnidhean cha mhòr ann ach Macleòid, Dòmhnallach, Caimbeul agus MacIllEathain, dh'fheumar dòigh fhaighinn air balaich a dhealachadh bho chèile airson 's gum biodh cinnt cò air a bhathas a' bruidhinn. Bha far-ainm dha thoirt ort bho aois òg aig an taigh neo anns a' sgoil, neo 's dòcha fear eile sna ostailean-sgoile. Anns an t-sreath seo tha Ailean Caimbeul air a bhith air chuairt a' siubhal an liuthad far-ainm annasach, ait agus eirmseach a bha ri chluinntinn sna sgìrean Gà idhealach.
San dà rna pròggram tha Dòmhnall 'Ryno' MacGilleMhoire agus Ruaraidh ' Panda' Moireach, an dithis à sgìre Nis a Leòdhas ag innse mu fhar-ainmean a bha ri chluinntinn sa sgìre. Tha an tuilleadh bà rdachd aig Dòmhnall do dh' Ailean ann a Siud Far an Robh a' Bhanais a rinn Aonghas Caimbeul, am Puilean, nuair a 'phòs am Bolla Corc am Bonnach Bois aig Glaoiceis', anns a bheil mòran fhar-ainmean a bhathas a' toirt air boireannaich an à ite.
Last on
Broadcasts
- Tue 27 Sep 2016 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 27 Sep 2016 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 2 Oct 2016 10:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal