Cho beag 'sa tha de dhaoine ann an Ameireagaidh a' gabhail ùine far an obair
Cho beag de dh'ùine 'sa tha daoine anns na Stà itean Aonaichte a' gabhail ùine far an obair. Coinneach MacIomhair asks why so few people in the US take time off for health reasons.
Aig deireadh na seachdain chuala sinn am prògram mu dheireadh aig Robbie Shepherd Take the Floor air Rèidio Alba. Tha mòran dhaoine air a bhith gu math measail air fad bhliadhnaichean agus ged a tha fuaim gu math traidiseanta aig a' phrògram fhathast agus bithidh, tha nòsan ùr air nochdadh ann cuideachd. Tha sinne a' dol a thoirt sùil air mar a tha ceòl Gà idhealach air atharrachadh thairis air na bliadhnaichean leithid ceòl dannsa agus ceòl ceilidh. Cuideachd dè a tha a' còrdadh ri daoine gu h-à raid agus a bheil meas air an seòrsa ceòl seo a' fà s.
Bha mòran anns na naidheachdan mu bhochdainn Hilary Clinton an t-seachdain 'sa chaidh - cha mhòr nach canadh tu leis mar a bha na naidheachdan ag aithris oirre gur e laigse chianail a bha ann gun robh I fiù meadhanach. Tha e air tighinn am follais bhon uairsin gu bheil glè bheag a' gabhail ùine dheth nuair a tha iad bochd anns na Stà itean Aonaichte agus gur e glè bheag do là ithean saora a tha aca taobh a-staigh bliadhna. Cuideachd ma tha thu dheth tinn dh'fhaodadh na lathaichean sin a bhith air an toirt bhuat mar saor-là ithean. Tha sinn a' faighinn facal air Mìcheal MacAoidh agus Cathy Muriel Carey a tha a' fuireach agus ag obair ann an Ameireagaidh.
Tha Coinneach air ais ann an Leabharlann Nà iseanta na h-Alba cuide ri Aonghas Pà draig Caimbeul a tha a' faighinn cothrom, le taic bho Chomann Gavin Wallace, an stòras leabhraichean a th'ann a rannsachadh. Cuspair an latha an-diugh Faclair Dwelly le notaichean bho Uilleam MacMhathain.
Agus eachdraidh Eaglais Ath-Leasaiche Aonaichte Lumen ann an Lunnainn bho Tommy MacAsgaill. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Broadcasts
- Tue 20 Sep 2016 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 20 Sep 2016 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal