Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Uilleam MacLeòid, Eaglais na h-Alba, Ùige, Leòdhas

Seirbheis còmhla ris an Urr Uilleam MacLeòid, Eaglais na h-Alba, Ùige, Leòdhas (2002). Gaelic archive service conducted by Rev William Macleod, Church of Scotland, Uig (2002).

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 18: 30-31 air fonn Bangor agus 's e Iain Aonghas Moireasdan a tha os cionn na seinn. Salm 103: 10-11 air fonn Kilmarnock agus 's e Coinneach A MacAoidh a tha os cionn na seinn agus Salm 63: 2-3 air fonn London New agus 's e Iain Eachann MacLeoid a tha os cionn na seinn. Chaidh an t-seinn a chlàradh ann an Eaglais na h-Alba ann an Ùige, Leòdhas.

Leughadh: Ephèsianaich 2: 1-13

Bha Mgr MacLeòid na mhinistear air coitheanal Eaglais na h-Alba an Ùige Leòdhais airson còrr air dà fhichead bliadhna. Tha e fhèin 's a bhean Mairead Anna air gluasad air ais dhan bhaile far do rugadh agus na thogadh an dithis aca ann am Barabhas. BidhMgr MacLeòid ceithir fichead 's a deich air an ath mhìos agus tha e fhathast ri chluinntinn a' searmonachadh an-dràsta 's a-rithist.

Chaidh Mgr MacLeòid iompachadh ann an 1949 nuair a bha dùsgadh spioradail ann an Leòdhas. Chaidh e dhan oilthigh ann an Glaschu agus Obar Dheathain a leantainn dreuchd na ministearalachd.

Ghabh e thairis a' chiad choitheanail aige ann am Beinn a' Bhadhla ann an 1957 far an do chuir e seachd seachd bliadhna. Fhuair e gairm bho choitheanal Ùige ann an Leòdhas ann an 1964 agus shearmonaich e anns an sgìre sin airson còrr air dà fhichead bliadhna.

30 minutes

An t-Urr Uilleam MacLeòid

An t-Urr Uilleam MacLeòid

Broadcasts

  • Sun 21 Aug 2016 21:00
  • Sun 25 Oct 2020 21:00
  • Sun 12 Mar 2023 21:00