Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ris an Urr Iain M Mac a' Ghobhainn (BEM)

Seirbheis bho 1999 còmhla ris an Urr Iain M Mac a' Ghobhainn Eaglais na h-Alba. Gaelic religious archive service from 1998 with the late Rev John M Smith, Church of Scotland.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 119: 105-107 air fonn Moravia agus 's e Iain Ailig MacLeoid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Uige, an Eilein Sgiathanaich.
Salm 72: 17-19 air fonn Stornoway agus s' e Aonghas MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Àrd Eaglais Steòrnabhaigh.

Leughadh: Deuteronomi 31: 1-8
Ceann-teagaisg: Deuteronomi 31: 8

Ged a rugadh an t-Urramach Iain M. Mac a' Ghobhainn, John Murdo an Tucsain, ann a' Leòdhas anns an Lùnastal 1927, chanadh e fhèin nach mòr nach e Uibhisteach a bh' ann. Dh'fhalbh e à Leòdhas aig aois 18, nuair a chaidh e do Fheachd an Adhair, ach tha e air a bhith an Uibhist corr math air leth cheud bliadhna .
'S e an treas mac aig Alasdair Iain Sheònaid à Siadar agus bhuineadh a mhàthair, Oighrig Iain Uilleim Ruaidh, do sgìre Bharabhais. Bha còignear theaghlach aca, Dòmhnall Iain, Uilleam, John Murdo, Catrìona agus Dòmhnall Murdo. Clann an Tucsain a chanar riutha, an t-ainm a' tighinn bhon athair a chuir seachad ùine an Ameireagaidh na òige.

Chaidh Iain do Sgoil Àirigh an Tuim, mu mhìle bhon taigh aca. Dh'fhàg e sgoil aig aois 14, airson a dhol an ceann a chosnaidh, a' dèanamh obair sam bith a bha dol, a' cuideachadh le obair fearainn agus le togail thaighean.

Aig aois 18 chaidh a thogail do Fheachd an Adhair. An dèidh greis a' trèanadh ann a' Sasainn am meadhan nan dà fhicheadan, chaidh e dhan Èiphit agus às dèidh sin a dh'Iraq. Thug e bliadhna aig Shaibah, faisg air Basra, mus do ghluais e gu Habbaniya, far an robh port-adhar mòr agus trang. Chòrd an dùthaich agus na daoine ris.
Thill John Murdo à Feachd an Adhair air ais a Shiadar ann an 1948 agus bliadhna an dèidh sin thàinig atharrachadh na bheatha nuair a bha dùsgadh spioradail as a' sgìre. Chaidh an t-uabhas de dhaoine sean is òg iompachadh as an dùsgadh agus iad an dèidh a bhith ag eisteachd ris na searmoin aig an soisgeulaiche an t-Urr Donnchadh Caimbeul.

Le taic bho Mgr MacAoidh, ministeir na sgìre aig an àm, chuir John Murdo aghaidh air foghlam agus ullachadh airson a bhith na mhinisteir. An 1956, cho luath 's a bha e ullamh, fhuair e gairm a dh'Uibhist a Deas, bho choitheanal eaglais Tobha Mòr.

Bha trì eaglaisean rim frithealadh as a' sgìre, ann an Tobha Mòr, san Druim Mòr agus san Ìochdar. 'S ann an eaglais an Ìochdair a choinnich e ri bhean, Mairead Nic a' Phearsain, a bha na tidsear bun-sgoil agus, dà bhliadhna an dèidh dha tighinn a dh'Uibhist, phòs iad.

Bha e an Uibhist aig an àm a bha raon nan rocaid ga stèidheachadh agus bha e tric a dol a dh'èisteachd ris na croitearan a' tagradh air an son fhèin ann an Cùirt an Fhearainn. Gu dearbha, chaidh a' chùirt a dhùnadh an latha a phòs e gus am faigheadh daoine cothrom a dhol chun na bainnse.

Bha an t-Urr Mac a' Ghobhainn air a bhith ann an Tobha Mòr seachd no ochd de bhliadhnaichean nuair a fhuair e gairm bho choitheanal Loch nam Madadh is Thruimisgearraidh. Ghluais e gu tuath ann an 1963. Shaothraich e an Uibhist a Tuath airson deich bliadhna fichead, a' frithealadh trì eaglaisean an Truimisgearraidh, Loch Portain agus Loch nam Madadh.

An dèidh a dhreuchd a leigeil dheth, dh'fuirich e ann an Uibhist a Tuath. Tro na bliadhnaichean a bha e ag obair an Uibhist a Tuath, bha e den bheachd gun d' rinn e mu shia mìle searmoin, gun do bhaist e còrr air dà cheud pàiste agus gun do phòs e ceithir fichead càraid 's a deich.

Chaidh Bonn Ìmpireachd Bhreatainn, am BEM, a bhuileachadh air an Urr Iain M Mac a' Ghobhainn ann an Liosta Urraman na Banrigh ann an 2016 agus chan e sin a-mhàin, air a' bhliadhna sin bha e cuideachd a' comharrachadh trì fichead bliadhna na mhinistear.

Bhàsaich Mgr Mac a' Ghobhainn air an 13mh den Dùbhlachd 2022 aig aois ceithir fichead 's a còig-deug.

30 minutes

Last on

Sun 20 Oct 2024 21:00

An t-Urr Iain M Mac a' Ghobhainn

An t-Urr Iain M Mac a' Ghobhainn

Broadcasts

  • Sun 3 Jul 2016 21:00
  • Sun 27 Sep 2020 21:00
  • Sun 20 Oct 2024 21:00